Bàs am "Firhill Flyer"
- Air fhoillseachadh

Chaochail an cluicheadair ball coise à Tiriodh, Seonaidh MacCoinnich.
Bha am "Firhill Flyer", mar a chanadh ris, 91 agus a' cluich aig àrd ìre sa spòrs ann an Alba sna 40m agus na 50n.
Thathas a' tuigse gur e an aon duine le Gàidhlig a chluich do dh'Alba.
Am measg na naoi tursan a chluich e dhan sgìoba nàiseanta bha dà gheama aige an Cupa na Cruinne.
Bha e cuideachd na shàr chluicheadair aig Partick Thistle.
Chaochail e ann an Tiriodh.
Bhiodh e 92 anns an t-Sultain.




