Vinstrihreyfingin - grænt framboð | |
![]() | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 6 an Gearran1999 |
Luchd-stèidheachaidh | Steingrímur Jóhann Sigfússon |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Àrainneachdas,Boireann-dhligheachas,Sìochantas,Sòisealachd |
Oifisean | Túngötu 14, 101Reykjavík |
Cathraiche | Katrín Jakobsdóttir |
Suidheachain | 11/63 |
Riaghaltas | Sanriaghaltas |
'S epartaidh poileatagach àInnis Tìle a bhios a' gabhail ripoilitigs na làimhe chlì 's a th' ann amVinstrihreyfingin - grænt framboð (Gàidhlig:Gluasad Clì - Uaine,ainm goirrid:Vinstri Græn). Chaidh a stèidheachadh ann anReykjavík air6 an Gearran1999,[1] nuair a dhiùlt cuid aþingmenn (Gàidhlig:Buill-pàrlamaid) à ceithir pàrtaidhean beaga (Alþýðubandalagið,Alþýðuflokkurinn,Kvennalistinn agusÞjóðvaki – Hreyfing Fólksins) a ghabhail ris an aonadh a chruthaichSamfylkingin.[2] Tha aon riochdaire deug aige fhèin sanAlþingi (pàrlamaid), sianar boireannaich agus còignear fireannaich.[3] 'S e an dara fòrsa poileataigeach as motha san Alþingi, agus tha e sanriaghaltas ann an co-bhann còmhla riSjálfstæðisflokkurinn agusFramsóknarflokkurinn. A bharrachd air sin, tha ceannard a' phàrtaidh,Katrín Jakobsdóttir, naforsætisráðherra (Gàidhlig:Prìomh-mhinistear). 'S i an dara thè san dreuchd ann an eachdraidh Innis Tìle, an dèidhJóhanna Sigurðardóttir,[4] a bha na prìomh-mhinistear bho2009 gu ruige2013. 'S e pàrtaidh a tha gu làidir an aghaidh anAonaidh Eòrpaich a th'ann.
B' ann ann an2009 a bha Vinstrihreyfingin - grænt framboð na bu shoirbheachaile.[5]
Bliadhna | Bhòtaichean | % | Seataichean |
---|---|---|---|
1999 | 15,115 | 9.1 | 6 |
2003 | 16,129 | 8.8 | 5 |
2007 | 26,136 | 14.3 | 9 |
2009 | 40,581 | 21.7 | 14 |
2013 | 20,546 | 10.9 | 7 |
2016 | 30,166 | 15.9 | 10 |
2017 | 33,155 | 10.9 | 11 |
Tha dìreach aonForsætisráðherra (Gàidhlig:Prìomh-mhinistear) air a bhith aige gu ruige seo: