'S e dùthaich ann anAfraga a tha ann anTuinisia[1][2][3] neoTunisia[4][5] (Arabais: تونس , Tūnis),Ainm oifigeil:Poblachd Tuinisia, (Arabais: لجمهورية التونسية).
Bha am baile aosmhorCartago far a bheil Tunis san latha an diugh. Sgrios na Ròmanaich e agus chaidh an t-ionad na phàirt denImpireachd na Ròimhe. Fhuair na h-Arabaich Tunis anns na 600an agus fhuair nah-Otomanach ann an 1574 an dèidh do 40 bliadhna de chogadh an aghaidh Rìoghachd na Spàinnte. Chaidh e na chosantaireachd na Frainge ann an 1883.
Fhuair Tuinisia neo-eisimeileachd às an Fhraing ann an 1956 le ceannard iomairt neo-eisimeileachd, Habib Bourguiba, mar phrìomhaire. Mhair e ann an smachd gu 1987. Thòisich Earrach nan Arabach ann an 2011 le sluagh-fhianaisean agus aramach. Chuir ceann-suidhe Kais Saied am prìomhaire à dreuchd agus fhuair e smachdan a' phrìomhaire ann an 2021.[6]
SgrìobhDeòrsa Mac Iain Dheòrsa bàrdachd an dèidh dha sabaid ann an Tuinisia agus àitichean eile ann an Afraga a Tuath, mar eisimpleirBisearta mu dhèidhinn ruagadh-adhair air baileBhisearta aig ceann a tuath Thuinisia agusMochtàr is Dùghall, pìos mòr neo-chrìochnaichte.[7]