Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Sionnach

O Uicipeid
Sionnach
Sionnach (Vulpes vulpes)
Rangachadh saidheansail
RìoghachdAnimalia
FìleamChordata
ClasMammalia
ÒrdughCarnivora
TeaghlachCanidae
GèineasVulpes
SpèiseasV. vulpes
Ainm saidheansail
Vulpes vulpesLinnaeus, 1758
Briathran Gàidhlig eile
Madadh-ruadh

Tha ansionnach[1] (iolra: sionnaich) 'nashineach ann an teaghlach nan con, (Laideann:Vulpes vulpes). Theirear ammadadh-ruadh ris agus ann an sgeulachdan àbeul-aithris, canarGille-nan-car ris cuideachd. Tha a dhath donn, a bheul biorach, a chluasan àrd agus dìreach, agus earball fada dosach, agus breac. 'S e 'cuilean sionnaich' a chanas ri sionnach òg.[1]

Àite-còmhnaidh

[deasaich |deasaich an tùs]

Tha an toll sam bheil e a' gabhail còmhnaidh am bitheanta fontalamh no ann an sgeireanchreag.

Beathachadh

[deasaich |deasaich an tùs]

'S e isbiadh dhan t-sionnach, a'mhaigheach, ancoinean,cearcan aguseunlaith de gach seòrsa. Ithidh e mar an ceudnafaimh,radanan, agusluchan; agus tha e ro dhèidheil airùbhlan agus air gach gnè meas.

Gnàthachadh

[deasaich |deasaich an tùs]

Chan fhàg an sionnach agharadh gu feasgar; agus an sin thèid e a-mach air feadh nan coilltean agus an fhearainn airson cobhartaich, agus fanaidh e a-muigh gu madainn. Ged a tha e ro dhìobhalach am measg eunlaith agus uan, tha e a' dèanamh feum mòr le bhith a' cur às do iomadh creutair millteach agus gràineil. Ann anIapan, measar mar Dhiadhachd an fhogharaidh e, beathach a tha a' dìon bàrr anruis.

Tha an sionnach ro innleachdach a chum breith air a chobhartach, agus chum a nàimhdean a sheachnadh. Tha seo cho aithnichte do gach neach is gun abrar mar ghnàth-fhacal ri duine carach agus cuilbheartach, "Gum bheil e cho seòlta ris an t-sionnach." 'S iomadh sgeul a dh'innsear mu thimcheall an t-sionnaich agus mu thimcheall nan innleachdan a tha e a' gnàthachadh a mhealladh a nàimhdean.

Ann an iomadh àite den domhain, tha an sionnach a' toirt mòr-shùgradh agus aighear do luchd-seilg. Chasgadhruaig an t-sionnaich ann anAlba ann an 2002, agus ann anSasann 's a'Chuimrigh air Gearran 18, 2005. Roimhe sin ann an Sasann, bhiodh na sealgairean a' marcachd an dèidh an t-sionnaich, agus ga ruagadh lemadaidhean; ach is tric a sgìthicheas e na coin, na h-eich agus nasealgairean; agus faodaidh e bhith, an dèidh dhaibh a leantainn car leth-cheud mìle, gun toir e an car asta mu dheireadh - gun ruig e ionad falach èiginn, agus gun tèarainn e a bheatha.

Abairtean mu dheidhinn Sionnaich

[deasaich |deasaich an tùs]
  • Cho seòlta ri Sionnach.
  • Cho carach ris a' mhadadh ruadh.
  • Caoidh an t-sionnaich air a' chaora mhairbh, nach do rug i an t-uan mun do dh' fhalbh i.
  • Is math an latha a nì a' madadh-ruadh searmoin.

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. 1.01.1An Seotal: Briathrachas Gàidhlig air-loidhne airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Leughte 9 Faoi. 2015

Ceanglaichean a-mach

[deasaich |deasaich an tùs]
  • Neo-ainmeach (21mh dhen Iuchar 1894): “An Sionnach,” ann an:Mac-Talla, àir. 3, td. 3. Air a thogail 26mh dhen Fhaoilleach 2023.
  • Dwelly-d
Smachd ùghdarrais
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Sionnach&oldid=573008"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp