Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Sincelejo

O Uicipeid
Sincelejo
Bratach a' bhaileGearradh-arm
noSeula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
DùthaichColoimbia
RoinnSucre
SgìreCosta Caribeña
Àirde213m
Co-chomharran049 18' Tuath
75° 24' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd1,535 km²
Àireamh-shluaigh237,618(2005)
Dlùths154.8/km²
Duilleag oifigeilRiaghaltas Shincelejo

‘S e prìomh-bhaile na roinneSucre, ann anColoimbia,[1] a th’ann Sincelejo, neo San Francisco de Asís de Sincelejo.[2] Tha e suidhichte aig àirde dhe 213m os cionn ìre namara ann an àirde an ear-thuath na dùthcha 987km air falbh bhoBhogotá.[3] Tha teodhachd meadhan dhe 27.1° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an1535 dìreach ri taobh Oirthirna Cairibianach. Thaeaconomaidh a’ bhaile gu math crochte air anàiteachas agus air gnìomhachasa’ chruidh. Tha àireamh-sluaigh dhe 237,618 aig a' bhaile fhèin ann an2005, a-rèir a’ chunntais-sluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Sincelejo an 23mh baile as motha na dùthcha.[5]

Sluagh a' bhaile

[deasaich |deasaich an tùs]

Ged a tha 237,618 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 17,979 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gachclachan aguscroit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air andùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Sincelejo, ach tha 14.5% dhe Tùsanaich agus 9.4% dhe daoine le freumhan ann anAfraga cuideachd. ' S urrainn dhan 87.5% dhe na daoine ann an Sincelejo leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 50% dhe na dachannan.[7]

Fèisean

[deasaich |deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Sincelejo. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

  • Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mhAn t-Iuchar.
  • Fèis na Cruidh (Spàinntis: Corraleja): 20mham Faoilleach.
  • Sabaidean le coilich.
  • Fèille na Cruidh.
  • Fèis na Comhlan Ciùil.
  • Fèis Nàiseanta na Comhlan Ciùil neo Ceòl na Gaoith.
  • Fèille Sincelejo an Iasgaich is an àiteachais.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich |deasaich an tùs]

Ceanglaichan A-mach

[deasaich |deasaich an tùs]

An t-Sìde ann an Sincelejo

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica[dead link]
  3. Invias
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Bailtean as motha na dùthcha
  6. Cololmbia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia
  9. SisterCities
Prìomh-bhailtean Roinneil ann an Choloimbia

Arauca •Armenia •Barranquilla •Bogotá •Bucaramanga  •Cartagena  •Cali •Cúcuta •Florencia •Ibagué •Inírida •Leticia •Manizales •Medellín •Mocoa •Montería •Mitú •Neiva •Pasto •Pereira •Popayán •Puerto Carreño •Quibdó •Riohacha •San Andrés •San José del Guaviare •Santa Marta  •Sincelejo •Tunja •Valledupar •Villavicencio •Yopal

 
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Sincelejo&oldid=571318"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp