B' e aonamh SultanImpireachd nan Otomanach a bh' ann anSelim II (far-ainmean:Sarhoş - 'drongaire',Sarı - 'bàn',Istanbul28 an Cèitean1524–Istanbul12 an Dùbhlachd1574).[1] B' e an còigeamh macSüleyman I agus Hürrem Sultan a bh' ann.[2] Bha e os cionn nadùthcha bho1566 gus a chaochail e ann an 1574. Cha robh e idir coltach gum biodh esan na shultan ach b' e seannsa a bh' ann màthair adhbhar na cùise: chaochail a bhràthair Mehmed leisa' ghalar bhreac, chaidh a leth-bhràthair Mustafa a mhùchadh le athair agus chuir Selim I agus Selim II gu bàs a bhràthair eile, Şehzade Bayezid. Phòs e aig Cecelia Venier Baffo ann anKonya ann an1545.[3] Cha robh uidh aige aircogadh agus ceannsachadh is b' e na ministearan a bh' aige a bha a' riaghladh na dùthcha na àite. Chuireadh e seachad a h-ùine is e ri raoitearachd is geòcaireachd.[4] Cha do chuidich Impireachd nan Otomanach ar-a-mach nam Muslamach thall ann anGranada sanSpàinn. Chuir e ainm gu còrdadh na sìthe leÌmpireachd Naomh na Ròimhe.[5] Chailleadh Cath Lepanto an aghaidh An Spàinn agus corr dhùthaich sanEadailt ann an1571 agus cha b' urrainn Impireachd nan Otomanach a cuid talmhainn a leasachadh sanRuis. Bha an dùthaich beagan na bu shoirbheachaile ann anHejaz,Tunis agusIemen, is iad a' toirt seasmhachd dha na colonaidhean aca an siud.[6]
- ↑All About Turkey
- ↑Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
- ↑Geni
- ↑Turan, Serafeddin, "Selim II", (1940 ve sonrasi) İslam Ansiklopedisi, C.X say.434-444, Ankara ve İstanbul: Türkiye Cumhuriyeti, Maarif Bakanlığı
- ↑Setton, Kenneth Meyer (1984). The Papacy and the Levant, 1204–1571: The Sixteenth Century. IV. Philadelphia: The American Philosophical Society.ISBN 0-87169-162-0.
- ↑Ecured