Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Salm 23

O Uicipeid
An deagh Chiobair

Tha an treas salm air fhichead stèidhichte air an taing a thug an Rìgh Daibhidh doDhia an dèidh dha greim fhaighinn, gu sìtheil, air an rìoghachd aige agus e beò ann an soirbheas agus dòigh.

Leis na facail “'S e an Tighearna Fhèin mo Chìobair” thathar ag aideachadh a' chreideis a th’ aig Daibhidh ann an Dia. Tha an càirdeas eadarIosrael agus Dia air aithris mar gum b’ e aon neach a’ mothachadh a' cheangail a tha eadar e fhèin agus an Tighearna. Tha ìomhaigh de chìobair a tha dìleas a’ seasamh mar eisimpleir chumhachdach de chùram. Tha earbsa, gu nàdarrach, aigcaoraich anns a’ chìobair - gun ullaich e na tha dhìth orra airson an latha a-màireach agus na lathaichean a tha ri tighinn.

Mar chìobair, bha eòlas fhèin aig Daibhidh air cho cudromach ‘sa tha cìobair do chaoraich agus bha e den bheachd gun robh an aon nàdar ri lorg anns a’ chàirdeas a bh’ eadar e fhèin agus an Tighearna.

Canaidh cuid gur e an treas salm air fhichead (23) an t-salm is grinn a th’ ann, gu tric a’ chiad fhear a thèid ionnsachadh, am fear is tric a tha ri cluinntinn agus am fear a mhaireas nar cuimhne. Chaidh a sgrìobhadh linntean ro àmChrìosd ach b’ ann a’ coimhead air adhart a bha an sgrìobhadair.

ThuirtIain Calvin mun t-salm, agus e a’ tarraing air na thuirt an Naomh Augustine roimhe, “Cha lorg sinn òran nas fheàrr, no nas freagarraiche, na na Sailm aig Daibhidh, a chaidh an labhairt tron Spiorad Naoimh… Nuair a bhios sinn gan seinn, faodaidh sinn a bhith cinnteach gur e Dia a tha a’ cur nam facail nar beòil, mar gum biodh E Fhèin a’ seinn tromhainn gus a Ghlòir a mholadh.”

Aistidhean ceangailte

[deasaich |deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann anWikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Salm_23&oldid=527245"
Roinn-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp