'S ebaile mòr eachdraidheil air an àirde an iar-thuathna Spàinne a th’ ann anSalamanca (IPA:salaˈmaŋka,Fraingis: Salamanque,Laideann:Salamantica). Tha e suidhichte aig 795m os cionn ìre namara,[1] ri taobh nah-Aibhne Tormes, anns an Sgìre (Spàinntis:Provincia) Salamanca fhèin, anns a’ Choimearsnachd le Fèin-riaghladh (Spàinntis:Comunidad Autónoma)Castilla y León, faisg air na crìochan leisA' Phortagail, 171km air falbh bhoMhadrid, prìomh-bhaile nadùthcha, 655km bhoBharcelona agus 400km bhoShevilla.[2] Tha 154,462 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[3] an 44mh baile na dùthcha.[4] Chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an Salamanca ann an1218, am fear as aosmhoire na Spàinne. Chaochail anCeimigearWendell Meredith Stanley an seo ann an1971.
'S ann connspaideach 's a thafreumh-fhaclachd an ainm. B' eHelmantike (Gàidhlig: Tìr na Geaslanachd) a chanadh na Greugaich ris, agus sgrìobhPtolomaidh gu robh dùn Ceilteach an seo air an robhSalmatica/Salmantica.[5] SgrìobhadhLiviusHermandica e. Tha teòiridh caran ùr ann, a tha a' dearbhadh gur eath a th' anns an eileamaidsala- (mar Salas de los Infantes ann am Burgos noSalas de Pallars ann an Lleida),[6] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin fhathast. Tha cruth na tìre a' gabhail ris an teòiridh ùr.
Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaichFaisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach tòisichidhCogadh Sìobhalta na Spàinne ann an1936.[8]
- ↑Mongabay
- ↑Distance Calculator
- ↑Cunntas Sluaigh na Spàinne
- ↑Bailtean na Cruinne[dead link]
- ↑Moyas Díez T., Salamanca: guías de turismo de Castilla y León, Ediciones Grepheus,2007,ISBN 84-87473-34-2
- ↑Tertulia Arqueológica
- ↑Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑Hurtado V., La Sublevación,2010, Barcelona: DAU.ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑Stad Brugge
- ↑Cidade de Coimbra
- ↑Ayuntamiento de Gijón
- ↑Ayuntamiento de Las Palmas
- ↑Ville de Nîmes
- ↑Stadt Würzburg