Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Ratharsair

O Uicipeid
Ratharsair
Suidheachadh
DùthaichAlba
SgìreGàidhealtachd
Innis-mhuirAn t-Eilean Sgiathanach
Co-chomharran57° 22′ T
6° 1′ I
Comharradh-clèitheNG579395
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd62.4 km²
Àireamh-shluaigh161(2011)
Dlùths2.58/km²

'S e eilean fada caol air taobh an ear anEilein Sgitheanaich a th' ann anRatharsair. Chanaidh cuidRatharsaigh, ach chan eil ann an sin ach cruth Gàidhealach air an t-ainmBeurla:Raasay.

CheannaichGeorge Rainy, a bha an sàs ann am malairt thràillean agus a bhuannaich airgead-dìolaidh an dèidh don cur às do thràilleachd, Ratharsair airson 35,000 ginithean ann an 1846.[1] An dèidh do Rainy chaidh an t-urras gu George Haygarth Rainy (1863–1872), George G. MacKay (1872–1874), William James Armitage (1874–1876) agus Edward Herbert Wood (1876–1911). Cheannaich William Baird and Company, Ironmasters of Coatbridge an t-urras ann an 1911 is stèidhich iad mèinnean-iarainn. Cheannaich Bùird Àiteachais na h-Alba an t-urras ann an 1923 is chaidh pàirt dhen urras gu Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 1979. Cheannaich a' coimhearsnachd e ann an 2007.[2]

Cruinn-eòlas

[deasaich |deasaich an tùs]

Tha an ceann a tuath creagach, agus thacoilltean sa cheann a deas. 'S e Dùn Cana a' bheinn as àirde air an eilean.

Bailtean

[deasaich |deasaich an tùs]

Fhad 's a bha 192 duine a' fuireach ann an Ratharsair anns a' bhliadhna 2001, a-rèir cunntas-sluaigh cha robh ach 161 duine a' fuireach anns an eilean ann an 2011.[3] Tha iomadh taighean nan iar-dhachaidh. 'S eInbhir Àrais am prìomh baile.

Bailtean fàs

[deasaich |deasaich an tùs]

Eileanan beaga

[deasaich |deasaich an tùs]

Tha trì eileanan beaga faisg air ceann a tuath Ratharsair:Rònaigh, am fear as motha,Fladaigh agusEilean Taighe.

Lochan

[deasaich |deasaich an tùs]

Faic cuideachd:Liosta nan lochan ann an Ratharsair

Gnìomhachas

[deasaich |deasaich an tùs]

Mèinn cloiche-iarainn

[deasaich |deasaich an tùs]

Lorgar clach-iarainn air Ratharsair aig deireadh an 19mh linn, agus trath anns an 20mh linn fhuair maighstirean-iarainn Uilleam Baird & Co. seilbh air an eilean. Fhosgail Baird meinn-iarainn air an Eilean mu àm a'Chogaidh Mhòr ach cha do chum e a' dol às dèidh 1920.

Na h-Eaglaisean

[deasaich |deasaich an tùs]

Nuair a chaidhAn Eaglais Shaor Chlèireach stèidheachadh ann an 1893, bha Dòmhnall MacPhàrlain a bha na mhinistear ann an Ratharsair aig an àm seo, an sàs ann an tachartas seo gu mòr.[4]

Àiteachan sònraichte

[deasaich |deasaich an tùs]

Caisteal Bhròchaill

[deasaich |deasaich an tùs]

ThaCaisteal Bhròchaill na thobhta san latha an-diugh.

Dùn Bhorghadail

[deasaich |deasaich an tùs]

'S e làrach dùin à Linn an Iarainn a th' ann an Dùn Bhorghadail.

Rathad Chaluim

[deasaich |deasaich an tùs]
Rathad Chaluim

Thàinig leabhar a-mach ann an 2006,Calum's Road le Roger MacÙisdein, mu dhèidhinn an rathaid air Ratharsair a rinn Calum MacLeòid leis fhèin gun chroit aige. Thug e deich bliadhna mas do chuir e crìoch air. Tha fonn ann cuideachd leis an aon ainm a sgrìobh Donald Shaw bhoCapercaillie.

Taigh Mòr

[deasaich |deasaich an tùs]

Nuair a bha Samuel Johnson agus James Boswell a' tadhail air Ratharsair, bha iad a' fuireach ann an Taigh Mòr Ratharsair. Tha Raasay Hotel a' cleachdadh an togalach a-nis.

Daoine ainmeil à Ratharsair

[deasaich |deasaich an tùs]
Bàgh Hallaig, càrn-cuimhne Shomhairle MhicGill-Eain agus Dùn Cana san t-sealladh.

Somhairle MacGill-Eain

[deasaich |deasaich an tùs]

Rugadh is thogadh am bàrdSomhairle MacGill-Eain (1911-1996) air an eilean, ann anÒsgaig, far an robh a phàrant athar na thàillear. Tha a dhàn ainmeil "Hallaig" a' cuimhneachadh baile air taobh ear an eilein agus an t-sluagh a chaidh fhuadachadh. Tha 'Sgreapadal' a' làimhseachadh baile fuadaichte eile air an eilein, faisg air Hallaig.

Calum MacGilleathain

[deasaich |deasaich an tùs]

RinnCalum Iain "Beag" MacGilleathain (1915-1960), bràthair Shomhairle, obair mhòr mar neach-cruinneachaidh beul-aithris, ann anAlba is ann anÈirinn cuideachd.

Calum MacLeòid

[deasaich |deasaich an tùs]

B' e neach-eachdraidh ionadail a bh' ann anCalum MacLeòid, sgrìobh e an leabharFàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair(le eadar-theangachadh gu Beurla).Tha e gu h-àraidh ainmeil air sgàth 's gun do rinn e 'rathad Chaluim'.

Sgrìobhaidhean mu a deidhinn ann an Gàidhlig

[deasaich |deasaich an tùs]
  • MacLeòid, Calum. (2007)Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair Dùn Phàrlain: Clò Àrnais ISBN: 978-0-9555014-0-1

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Summary of individual - George Rainy”. Legacies of British Slavery. Air a thogail 28mh dhen Lùnasdal 2023.
  2. Raasay Estate”. Ionad Tasglann an Eilein Sgitheanach agus Loch Aillse. Air a thogail 28mh dhen Lùnasdal 2023 (pdf).
  3. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2:Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015
  4. https://web.archive.org/web/20131126183723/http://raasay.com/church.html

Ceanglaichean a-mach

[deasaich |deasaich an tùs]
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Ratharsair&oldid=574593"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp