Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Pretoria

O Uicipeid
Pretoria
Bratach a' bhaileGearradh-arm
noSeula
Suidheachadh
DùthaichAfraga a Deas
CeàrnGauteng
SgìreTshwane
Co-chomharran25° 43’ Deas
28° 17’ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd1,644 km²
Àireamh-shluaigh1,884,046(2005)
Dlùths1,146.01/km²
Àireamh fòn+2712
Duilleag oifigeilwww.tshwane.gov

'S eprìomh-bhaile riochdailAfraga a Deas a tha ann amPretoria. Ach tha dà phrìomh-bhaile eile ann:Cape Town (reachdail) agusBloemfontein (breithneachail). Tha Pretoria suidhichte mu 50 cilemeatair san taobh tuathJohannesburg anns an earra-thuath Afraga a Deas. Tha ruith-bheanntanMagaliesberg timcheall air a’ bhaile. Tha Pretoria 412km bhoMhaseru (Leasoto), 1,175km bhoWindhoek (Namibia) 921km bhoHarare (Zimbabwe), 253km bhoGhaborone (Botsuana), 305km bhoMbabane (Dùthaich nan Suasaidh), agus 444km bhoMaputo (Mòsaimbic).[1] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath nadùthcha, aig 1,335m os cionn ìre namara.[2]

Chaidh Pretoria a stèidheachadh anns a’ bhliadhna1855 le Marthinus Pretorius. Thaghadh esan an t-ainm airson urram a thoirt don athair aige:Andries Pretorius a bha na ghaisgeach nàiseanta. Bhon 1ad an Cèitean1860 bha Pretoria na phrìomh-bhaile Poblachd Afraga a Deas neo (ZAR). Nuair a dh’atharraich Poblachd Afraga a Deas gu Afraga a Deas ann an1961, bha Pretoria na phrìomh-bhaile riochdachail. Bha mì-chliù air a' bhaile mar: “Prìomh-bhaileApartheid (sgaradh-cinnidh). Ach dh’atharraich sin aig an àm nuair a bhaNelson Mandela na chiad cheann-suidhe dhubh. Bha esan a’ fuireach anns naUnion Buildings ann am Pretoria. Tha an riaghaltas Afraga a Deas ag obair an seo. Tha an togalach na laighe airMeintjies Kop. 'S e an còigeamhbaile as motha nadùthcha a tha' ann Pretoria.[3]

Foghlam

[deasaich |deasaich an tùs]

'S e aon de na bailtean as cudthromaiche ri taobhfoghlam a tha ann am Pretoria.Tha mòran oilthighean ann:

  • University of Pretoria, an t-oilthigh as motha na dùthcha,
  • Tshwane University of Technology, oilthighteicneòlas
  • University of South Africa, ainm goirid: UNISA, an t-oilthigh as motha a tha a’ dèanamh foghlam aig astar.

Daoine Ainmeil

[deasaich |deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich |deasaich an tùs]

Dealbhan

[deasaich |deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
  3. Geonames
  4. TwinCities Nederland
  5. Sister Cities International
Commons
Commons
Tha dealbhan ann anWikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Prìomh-bhailtean ann an Afraga

Abuja •Accra •Addis Ababa •Algiers •Antananarivo •Asmara •Bamako •Bangui •Banjul •Bissau •Brazzaville •Bujumbura  •Cairo •Conakry •Cotonou •Djibouti  •Dakar  •Diuba •Dodoma  •El Aaiún  •Freetown  •Gaborone •Harare  •Kampala •Khartoum •Kigali •Kinshasa •Libreville •Lilongwe •Lomé •Luanda •Lusaka •Malabo •Maputo •Maseru •Mbabane •Mogadishu •Monrovia •Moroni •Nairobi •N'Djamena •Niamey •Nouakchott •Ouagadougou •  •Port Louis  •Porto Novo •Praia •Pretoria •Rabat •São Tomé •Tripoli •Tunis •Victoria •Windhoek •Yamoussoukro •Yaoundé

 
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Pretoria&oldid=571123"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp