Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Pearù

O Uicipeid
República del Perú

Bratach

Gearradh-arm
Laoidh Nàiseanta
"Somos libres, seámoslo siempre"(Spàinntis)
"We are free, may we always be so"
Cànan(an) oifigeilSpàinntis
Prìomh-bhaileLima
Baile as mothaLima
RiaghaltasPoblachd
Ceann-suidhePedro Castillo
Iar-cheann-suidheDina Boluarte
Prìomh-mhinistearAníbal Torres
Ceann-suidhe na CòmhdhailMariacarmen Alva
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhonSpàinn
28mh, an Iuchar1821
Aithnichte9mh, an Dùbhlachd1824
Farsaingeachd
Iomlan1,285,216 km² (19mh)
Uisge4.1 %
Àireamh-shluaigh (2021)
Iomlan34,294,231(44mh)
Dlùths23/km²(198mh)
LTD/CCC (2020)
gach pearsa$11,516 (103mh)
Roinn tìdePET (UTC-5)
Ruith-airgidNuevo Sol
Prìomhàrainn-lìn.pe
Còd Àireamh fòn51
Pearù
Machu Picchu - Baile nan Inca Pearù

'S e dùthaich ann anAimearaga a Deas a tha ann amPearù[1] neoPeru[2][3] neoPerù[4].Tha a' chànanQuechua agus a' chànan Aymara nan cànanan oifigeil anns na roinnean far a bheil iad ga bruidhinn leis a' mhòrchuid de na daoine. 'S ePiruw an t-ainm air Pearù anns a’ chànan Quechua agus anns a’ chànan Aymara.

Tha crìochan aice san ear leBraisil, sa tuath leEacuador agusColoimbia, san ear-dheas leBoilibhia agus sa deas leisan t-Sile. Tha anCuan Sèimh air taobh an iar na dùthcha.

'S eLima amprìomh-bhaile aice.

Eachdraidh

[deasaich |deasaich an tùs]

Chuireadh às dotràilleachd an seo ann an1854.[5]SgrìobhDòmhnall Alasdair an dàn 'Riaghladh' mun ana-cheartas a chunnaic e anns an t-saoghal is e ag ainmeachadh Pearu:

Seallaibh air na rìoghachdan
Bho Sìona gu Peru,
Cumhachd aig gach lìogaire
’S gun fìrean anns a’ chriùth’;
An tuig sibh rud cho neònach,
Gu bheil daoine seòlt’ an drast’
Anns gach dùthaich deònach
Na dòlais bhith gu h-àrd?[6]

Bailtean

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Am Faclair Beag
  2. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003),ISBN 0007692714
  4. Dùthchannan aig SMO
  5. UNICEF
  6. Earrainn bho 'Riaghladh' le Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach. 1999.Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair (Steòrnabhagh: Acair) d.84

Ceanglaichean a-mach

[deasaich |deasaich an tùs]
Pearù
Commons
Commons
Tha dealbhan ann anWikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Pearù&oldid=571065"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp