'S emuir staigh-thìr annsan Tuirc a th' ann amMuir Mharmara (Turcais:Marmara Denizi). Tha i suidhichte eadarÀisia agus anRoinn-Eòrpa anns an roinn Marmaris agus 's e an ceangal mara eadaram Muir Àigeanach/na Dàrdainealan agusa' Mhuir Dhubh/Bòsfaras a th' ann. Tha a' mhuir 280km a dh'fhaide agus 80km a leud. Chan eil a' Mhuir Mharmara cho domhainn, dìreach 494m thar cheann, ged a tha i mòran nas doimhne ann an corra àite, fiù 's 1,370. Tha salannachd mheadhanach aice, 38psu.[1] Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gun do chruthaicheadh a' Mhuir Mharmara mu 5600 RC, nuair a bha ìre namara a' sìor-fhàs an dèidhLinn na Deighe.[2] B' eloch mòr a bh' innte ro làimh.
Ged nach eilfreumh-fhaclachd an ainm seo idir cho soilleir, tha e coltach gur ann àμάρμαρον (Gàidhlig:marmor) ann an Greugais a tha an t-ainm.[3]