Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Maol Rubha

O Uicipeid
Maol Rubha
Beatha
BreithBeannchar (Èirinn), 642
BàsA' Chomraich, 722
Dreuchd
Dreuchdmanach
Tèarmann
27 an Lùnastal

'S enaomh agusmanach Ceilteach a bh' ann amMaol Rubha (Mo Rubha neo Ma Ruibhe sa Ghàidhlig; Máel Ruba neo Máelrubai sa Ghàidhlig na h-Èireann), uaireannan, thathar a' cleachdadh "Rufus" cuideachd. Bha e beò eadar642722 AD is bha e àÈirinn bho thùs. Stèidhich e tuineachadh mhanach annsA' Chomraich,Siorrachd Rois.

A bheatha

[deasaich |deasaich an tùs]

Rugadh e anns an sgìre Doire Chaluim Chille agus fhuair e foghlam ann am Bangor. Ann an 671, nuair a bha e deich air fhichead bliadhna a dh'aois, sheòl e bho Èirinn gu Alba còmhla ri buidheann manaich. Mus do shuidhich iad anns A' Chomraich ann an 673, bha iad air a bhith a' siubhal anns anEarra-Ghàidheal.

Manachainn anns A' Chomraich

[deasaich |deasaich an tùs]

Tha an t-ainm-àite, "A' Chomraich", a' ciallachadh "comraich" neo "tèarmann" ("sanctuary" sa Bheurla),[1] is b' àbhaist don sgìre talmhainn naomh timcheall na manachainn a bhith air a chomharrachadh le croisean.

Tha iomradh air Maol Rubha agus a thuras gu Alba anns an eachdraidh bhliadhnail co-aoiseach na h-Èireann. Bha manachainn na Chomraich na h-ionad culturail is cràbhach glè chudromach, is bha Maol Rubha na mhiseanaraidh: chaidh e dhanEilean Sgitheanach,Eilean Leòdhais, Loch Sin,Diùranais is Farr, airsonCrìosdaidheachd a bhrosnachadh.

Maol Rubha anns an litreachas

[deasaich |deasaich an tùs]

ThaSomhairle MacGill-Eain a' toirt iomradh air Maol Rubha anns an dàn "Sgreapadal": "Sgreapadal an crò ’s a’ bhuaile / le ballachan a deas ’s an iar ’s a tuath, / agus an ear an linne / a-null gu Comraich Ma Ruibhe."[2]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Ainmean-Àite na h-Alba - A' Chomraich[dead link]
  2. Scottish Poetry Library - Sgreapadal

Ceanglaichean a-mach

[deasaich |deasaich an tùs]

GRD: Naomh Maolrubha

Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Maol_Rubha&oldid=577197"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp