Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Luís Vaz de Camões

O Uicipeid
Luís Vaz de Camões
Beatha
BreithLisbon, dhen Dùbhlachd 1524
DùthaichRìoghachd na Portagaile
BàsLisbon, 10 dhen Ògmhios 1580
Àite-adhlacaidhManachainn Jerónimos
Teaghlach
AthairSimão Vaz de Camões
MàthairAna de Sá de Macedo
Sinnsirean
FineCamões family(en)Translate
Foghlam
FoghlamOilthigh Coimbra
CànainSpàinntis
Portagailis
Laideann
Dreuchd
Dreuchdbàrd,sgrìobhaiche-dràma,sgrìobhadair agusluchd an airm
Obraichean comharraichteOs Lusíadas(en)Translate
BuaidhDante Alighieri(mul)Translate,Virgil,Francesco Petrarca(mul)Translate,Ludovico Ariosto(mul)Translate agusHomer
Creideamh
CreideamhCaitligeachd
IMDbnm0891407

B’ eLuís Vaz de Camões neoCamoens (IPA:luˈiʒ ˈvaʒ dɨ kaˈmõjʃ, Mu1524Lisbon,10 an t-Ògmhios1580), sgrìobhadair agusbàrd àsA' Phortagail.[1] Thathar dhen bheachd gur e am Bàrd na b' fheàrr a sgrìobhadh a-riamh saPhortagailis a bh’ ann Camões; Sgrìobh e rud neo dhà sanSpàinntis cuideachd. Thathar ag ràdh gur e athair a' Phortagailis a th’ ann Camões leis cho ealanta 's a tha a chuid Dhàn Mhòir, air a bheil Os Lusíadas. Tha e cho ainmeil anns A' Phortagail riCervantes sanSpàinn neoWilliam Shakespeare ann anSasainn.

Beatha

[deasaich |deasaich an tùs]

Chan eil tòrr fhiosrachaidh againn mu dheidhinn a bheatha ach stòraidhean gun chinnte. Tha e coltach gun do rugadh e ann an Alenquer,Coimbra neo Lisbon mu1524, ach s’ dòcha gun do bhuineadh e do theaghlach à Chaves ann an ceann a tuath na dùthcha. Tha fheadhainn a’ creidsinn gur b’ e Simão Vaz de Camões agus Anna de Sá e Macedo a phàrantan. Le sin, bhiodh càirdeas a bhith ann taobh athair leis a’ Bhàrd Vasco Pires de Camões às A’ Ghàilis agus taobh a mhàthair leis a’ Mharaiche ainmeil Vasco da Gama.[2] Chaochail athair Chamões thall thairis ann an Goa.

Bha Camões fhèin a’ fuireach uaireigin ann anCoimbra far am biodh e na oileanach nan Daonnachdan, s’ dòcha aig Manachainn Shanta Cruz, leis gu robh bràthair-athar namhanach an sin. A dh’aindeoin gu bheil sgrìobhainnean ann mu dheidhinn an fhir sin, air an robh Bento de Camões, chan eil dearbhadh ann a sheallas gu robh am Bàrd fhèin idir ann co-dhiù. Ach, tha e cinnteach gun d’fhuair e deagh oideachaidh ann an àite air choireigin, leis cho ealanta, foghlaimte ‘s a bha na rudan a sgrìobh e.

Bha e an sàs san Arm is e nashaighdear, is fiù 's chaill e sùil ann an cath an aghaidh nan Arabach, ann an Ceuta, sabhliadhna1549.[1] Thill e gu Lisbon ann an1551, far a leanadh e beatha gu math drùiseil. Bha iomadh leannanan aige, chan eil dìreach eadar naban-uachdarain, ach fiù 's leis a’ Bhan-phrionnsa Maria,piuthar an Rìgh Manuel I fhèin. Ann an1553, an dèidh a bhith sa phrìosan air sàilleabh tuasaid air choireigin còmhla ri Gonçalo Borges, b’ fheudar dha a dhol chunNa h-Innseachan, an dèidh leth bhliadhna a chur seachad air an dùthaich. Tha sgrìobhainnean ann a dhearbhaidh sin. Chaidh e gu Goa agus tha e coltach gun do sgrìobh e a’ mhòr-chuid dhen obair aige an siud. Bha e ann an trioblaid an siud cuideachd air sàilleabh nach do phàigh e a chuid iadsan.[3] Fhuair e dreuchd mar shagart ann amMacau far an do chuir e crìoch air na Lusíadas.

Thill e dhachaidh, ach chaidh an soitheach aige a chall far a chostaMhòsaimbic, is b’ fheudar dha fhuireach an siud. 'S e a charaid Diogo do Couto a lorg ann am Mòsaimbic e, is sgrìobh esan gun robh am bàrd ann am fìor dhroch stàit: "cho bochd gun tigeadh e beò air saothair a chuid charaidean". Phàigh Diogo do Couto cosgaisean turas a’ Bhàird air ais gu Lisbon, far a ràinig Camões mu dheireadh thall, ann an1569.

Ged an robh e bochd agus tinn, chaidh aige air Os Lusíadas fhoillseachadh ann an1572, le cuideachadh bho na càirdean aige a bha dlùth air an Rìgh Sebastião I.[1] Ach tha foillseachadh Os Lusíadas gu math dìomhair – Nochd dà eagran san aon bliadhna agus chan eil fios ann cò a’ chiad fhear. Thug an Rìgh peinnsean beag dha airson na rinn dhan dhùthaich nuair a bha e thall thairis, ach ràinigeadh an t-airgead gu fadalach a-riamh agus cha do shàbhalaich sin am bàrd bhon a’ bhochdainn.[2]

Taobh a chuid obrach liriceach, ghoideadh an leabharBàrdachd a sgrìobh e. Le sin, chaidh a chuid obrach liriceach fhoillseachadh an dèidh a bhàis, is chan eil e idir cinnteach dìreach cò a th’ ann an fheadhainn air an sgrìobhadh leis a’ Bhàrd. Tha diofar dreachan a chuid obrach liriceach ann, ach chan eil e idir cinnteach gur b’ esan a sgrìobh a h-uile càil.

Chaochail e air an air 10mh latha dhen Ògmhios1580 leis a’ Phlàigh[1] is ‘s e caraid air choireigin a phàigh airson ga thìodhlacadh. Chaidh an tuama aige, faisg air an taigh chailleachan-dubha Shanta Anna ann an Lisbon, air a chall gu tùr sanChrith-thalmhainn1755, is le sin chan eil fios aig duine sam bith far a bheil a chuid iarsmaidh. A bharrachd air sin, tha dà thuama oifigeil ann, fear sa Mhanachainn Jerónimos agus fear eile sa Charragh-chuimhne Nàiseanta (Panteó Nacional), ann an Lisbon.

Thathar dhen bheachd gur b’ e Camões am bàrd na b’fheàrr a-riamh a sgrìobhadh ann am Portagailis, is a chuid obrach leth shlighe eadar Clasaigeas (Classicismo) agus modhalas (Maneirismo). Ann am Bàrdachd neo dhà agus tro chleachdadh nam paradocsaichean, mar eisimpleirAmor é fogo (Gaol na theine), chithear freumhan an stoidhle bharròc.[3] ‘S e an Duais Luís de Camões (Premio Luís de Camões) am duais litreachail as cudromaiche san Phortagailis an latha an diugh. Chaidh e a stèidheachadh le Riaghaltasan na Portagail agusBraisil ann an1988.[4]

Bàrdachd

[deasaich |deasaich an tùs]
  • 1572 - Os Lusíadas (Daoine às a’ Phortagail)[5]

Bàrdachd Liriceach

[deasaich |deasaich an tùs]
  • 1595 - Amor é fogo que arde sem se ver (Gaol na theine a’ losgadh gu neo-fhaicsinneach)
  • 1595 - Verdes são os campos (Achaidhean a tha uaine)
  • 1595 - Que me quereis, perpétuas saudades? (Dè a thogras sibh dhomh, cianalas neo-bhuan?)
  • 1595 - Sôbolos rios que vão (Taobh nan aibhnichean gan sruthadh)
  • 1587 - El-Rei Seleuco (An Rìgh Seleucus)
  • 1587 - Auto de Filodemo (Cùis-lagha Fhilodemo)
  • 1587 – Anfitriões (Daoine òlach)

Ceanglaichean a-mach

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. 1234Queiroz, Mirna:luís vaz de camões”.Vidas Lusofonas. Air a thasglannadh [ohttp://vidaslusofonas.pt/biografia.php?id=3j0AxREBDF9] 21mh dhen Ghearran 2017.Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
  2. 12Ford, Jeremiah(1908):“Luis Vaz de Camões”,The Catholic Encyclopedia.New York:Robert Appleton Company.Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018. 
  3. 12Biografia de Luis Vaz de Camões”.Biografías y Vidas.Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
  4. Camões Prize for Literature”.Leabharlann Nàiseanta Bhraisil.Air a thogail 10mh dhen Ògmhios 2018.
  5. The Lusiads”.World Digital Library.Air a thogail 1d dhen t-Sultain 2013.
Smachd ùghdarrais
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Luís_Vaz_de_Camões&oldid=573804"
Roinnean-seòrsa:
Roinn-seòrsa fhalaichte:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp