Loch Mhabain | |
![]() | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Co-chomharran | 55° 07′ 41″ Tuath 03° 26′ 28″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S ebaile beag dùthchasail faisg airLogarbaidh,[1] air an àirde an iar-dheasna h-Alba a th’ ann anLoch Mhabain. Tha e suidhichte aig 56m os cionn ìre namara,[2] air an àirde an earDhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro1975), eadarTorthorwald agusApplegarthtown, ri taobh trìlochan: Loch na h-Eaglaise, Loch a' Chaisteil agus Loch a' Mhuillinn.[3] Tha e 240km air falbh bhoObar Dheathain, 96km bhoGhlaschu, 12km bhoDhùn Phrìs agus 93km bhoDhùn Èideann, prìomh-bhaile nadùthcha.[4] 'S eBeurla agusBeurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Loch Mhabain. ThaEaconomaidh a' bhaile gu math crochte airàiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsda[5] agus dà thaigh-seinnse ann.[6] Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann[7] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Logarbaidh. Ann an 2020 bha 2180 duine a' fuireach an seo.[8]
A rèir eòlaicheanfhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à an seannchuimrismabon a tha ainm a' bhaile,[9] a' toirt dhuinnLoch Mhabain neoLoch Mhacain sa Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba.
Chaidh Caisteal Loch Mhabain a thogail an seo anns an13mh linn. Canar cuid gun do rugadhRaibeart I na h-Alba an seo. A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 66 duine à Loch Mhabain bàssa Chogadh Mòr[10] agus seachd duine deug eilesan Dàrna Cogadh. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar1855 agus1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[11]
Achadh na h-Eaglaise •Ae •Amisfield •Applegarthtown •Auldgirth •Bankend •Bàrr na Dris •Beattock •Bentpath •Canonbaidh •Cathair •Cathair Ruairidh •Chapelknowe •Cille Chonaill •Cille Bhrìghde •Cill Osbairn •Cille Phàdraig nam Fleamach •An Clachan •Clarencefield •Collin •Comar na Drise •Cuingealach •Dalswinton •Daltan •Doire Chonaill •Dòrnach •Drochaid Charrainn •Drochaid a' Mhuilinn •Drochaid Mhic Iain •Dubhras na Doire •Dùn Choll •Dùn Phris •Dùn Sgoir •Eaglais Fheichin •Eastriggs •Eskdalemuir •Gleann Chapall •Greatna •Hightae •Hoddom •Inbhir Anainn •Kettleholm •Kirtlebridge •Langaim •Loch Mhabain •Logarbaidh •Am Magh Fada •Middlebie •Mouswald •Parkgate •Penpont •Powfoot •Ruadhail •Templand •Torthorwald •Tynron •Wamphray •Waterbeck