'S eprovinciana Spàinne a tha ann anLleida (IPA:ʎɛjðə noʎejðɛ,Spàinntis:Lérida). Tha e na laighe ann anCataloinia, air an àirde an ear-thuath nadùthcha. 'S eLleida a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh ionadail naFrainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach naCoimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chatalòinia i ann an1978, nuair a sgrìobhadhbun-reachd ùr.[2] Sìnidh Lleida fad 12,172km²[3] agus tha 442,308 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 18mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 33mh tè a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aice leBarcelona,Huesca,Girona,Tarragona,Zaragoza,Andorra agus an Fhraing.[5] 'S eCatalanais,Ogsatanais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann às an ainmIltiŕta ann an Ibearais a tha an t-ainm. Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm mar a leanas:Ilerda ann anLaideann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach, لاردة (Laaridah) ann anArabais,Leyda anns na meadhan aoisean agus mu dheireadh thallLleida tron atharrachadh fuaimneachaill → ʎ ann an Catalanais. 'S epalatalizatció (Gàidhlig palatalachadh) an t-ainm a tha air sin.[6] Mar a b' àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu mhotha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Thaiadhtag ann, a bhuineas do Lleida, air an àirde an iar-dheas na roinne a-muigh Barcelona. 'S e Pinós an t-ainm a tha air.[7] 'S e adhbharanlaghail aguspoileataigeach a tha as coireach gu bheil e na àite fa leth air. Chan eil ach 305 a' fuireach ann.