’S e corpas de theacsaichean sgrìobhte a th’ ann anlitreachas, aig bun-ìre. Mar as trice, gus a bhith ga chunntadh mar theacsalitreachasail, feumaidh teacsa a bhith a’ cleachdadh a’ chànain sa bheil e sgrìobhte ann an dòigh neo-àbhaisteach noealanta, no a bhith a’ buntainn ri cuspairean inntleachdail no feallsanachail.
Faodar “litreachas” a roinn a rèir a nàdair fhìrinnich (noneo-fhicseanail) no neo-fhìrinnich (nofhicseanail), no a rèir a dhòigh-sgrìobhaidh — an erosg nobàrdachd a th’ ann — no a rèir aghnè — m.e.,nobhail,sgeulachd,dràma.
’S ann às an fhacallitir a tha am facallitreachas dèante, agus ’s ann às an fhacal Laidinnlittera (facal a’ ciallachadhlitir den aibidil, no, anns an iolra,litreachas, i.e.rudan a tha air an sgrìobhadh ann an litrichean — cf.letters saBheurla) a tha am facallitir.[1]
Anns na làithean seo, ge-tà, ’s tric a bhios am facallitreachas a’ comharrachadh cuideachd chleachdaidhean labhairteach agusbeul-aithriseach, a bharrachd airteacsaichean sgrìobhte annta fhèin.
Am measg nan teacsaichean litreachais a bu shine thaEipic de Ghilgamesh àSumer agusLeabhar nam Marbh às anÈipheit ('s mathaid roimhe 2000 RC) no naVedathan às na h-Innseachan ('s mathaid roimhe 1000 RC). Chan eilear cinnteach dè cho seann a tha iad, oir dh'fhàs iad bhobeul-aithris mus robh iad air an cur air a' phàipear. Thathar a' smaoineachadh gur ann bhon 8mh linn RC a thaIlias agusOdysseia leHomer a thòisich litreachas Greugach is Ròmanach Clasaigeach.
Airson na linntean, cha robh fàrmhorachd litreachais ann an diofar cheàrnan den t-saoghail cothromach, leis nach robh gu leòr eadar-obrachaidh ann eadar culturan sònraichte mar cultar naRoinn-Eòrpa, cultarArabach, Innseanach,Sìneach noSeapanach. Mar sin, 's ann doirbh tuairisgeul a thoirt air litreachas an t-saoghail san fharsaingeachd. Anns na linntean mu dheireadh thòisich na diofaran seo ri dhol à sealladh; aig an aon àm, ge-tà, bha buaidh dona ann air na cultaran agus litreachasan mion-chuid.
↑MacBain, Alexander, Caoimhín Ó Donnaíle ⁊ John T. McCranie(1982):“An Etymological Dictionary of the Gaelic Language”(Gàidhlig), td.roinn 24.Gairm (air an làrach-lìn An Ceantar).Air a thogail 15mhdhen Lùnasdal 2017.