Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Lite

O Uicipeid
Lite le bainne
William Hemsley (1893)

'S elite am facal Gàidhlig airsonbiadh sìmplidh is bunaiteach, gu math furasta ri dhèanamh; ann anAlba tha sinn a' cleachdadhmin-choirce,uisge is salann airson lite tradiseanta. Bidh feadhainn a' cleachdadh gràinean eile timcheall an t-saoghal. Mar eisimpleir, ann anAfraga tha min-bhuidhe air a chleachdadh gu math cumanta, am feadh an Roinn-Eòrpa an Ear tha iad a' cleachdadh cruithneachd-buidhe. Tha rìs gu math cumanta ann anSìona is annsna h-Innsean cuideachd. Anns na làithean an-diugh tha mòran gràinean bracaist ann, ach gu math tric 's e biadh giullaichte a th' annta is chan eil dad cho fallain ri lite, gu h-àiridh lite tradaiseanta na h-Alba. A thaobh còcaireachd, thathar ag ràdh gum bu chòir sleaghag a bhith air a cleachdadh, 's ann às a phoit gheibhear an lite as fheàrr. Tha an salann riatanach airson lite a tha blasta. Tha e gu math cumanta a bhith ag ithe lite le bainne, no uachdar air uairibh. Tha cuid ag ràdh nach bu chòir a bhith bainne air an lite fhèin anns a' bhobhla, ach gum bu chòir bainne a bhith anns a' chupan ri thaobh, airson sgobag lite a thumadh, a rèir beul-aithris. Tha lite gu math feumail airson dhaoine a tha a' cunntadh nan calaraidhean. 'S e deagh bhiadh a th' ann cuideachd airson coileastarail a' cumail aig ìre ìosal. A bharrachd air sin, bheir e spèird dhan bhodhaig, ach ann an dòigh màirnealach.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich |deasaich an tùs]
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Lite&oldid=556285"
Roinn-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp