Lios Uillt | |
![]() | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Lios Uillt fhèin[1] |
Co-chomharran | 54° 93′ 08″ Tuath 05° 09′ 86″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01776 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S ebaile beag dùthchasail air iomallna Sròine Reamhaire, air an àirde an iar-dheasna h-Alba a th' ann anLios Uillt (Beurla/Beurla Ghallta:Lewswalt). Tha e suidhichte aig 31m os cionn ìre namara[3] ann an ceann a tuathnan Rannaibh, faisg airErvie, air an àirde an iarDhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro1975). Tha e 309km air falbh bhoObar Dheathain, 117km bhoGhlaschu, 93km bhoDhùn Phrìs agus 166km bhoDhùn Èideann, prìomh-bhaile nadùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Lios Uillt. ThaEaconomaidh a' bhaile gu math crochte airàiteachas agusturasachd. Taobh fhoghlaim, thabun-sgoil[5] ann ach feumar a dhol dhanàrd-sgoil annsAn t-Sròin Reamhair.[6]
A rèir eòlaicheanfhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann àlios neoloch agusallt santuiseal ginideach annsa' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an18mh Linn.[8] A dh'aindeoin sin, tha cuid dhen bheachd gur ann à Seann Chuimrisgwaelod (bun) a th'ann.[9] 'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm seo.[10] Tha iomadh àite ann a tha a' tòiseachadh lelios agus ainm pearsanta, gu h-àraidhnaomh air choireigin. Chaidh am baile a chlàradh anns an16mh Linn marLoch Woll. Tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan dha theòiridh: àite torrach faisg air creathal naCrìosdaidheachd an Alba far a bheil lochan pailt.
'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Lios Uillt fhèin a bhuineas Lios Uillt, a ghabhas a-steach an sgìre eadar Lios Uillt,A' Ghlac agus Port Slogan. Tha 563 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha seachdnar comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[12]
Pàrtaidh | Ainm | Bhòtaichean | |
---|---|---|---|
Gun phàrtaidh | Willie Scobie | 1,925 | |
Tòraidheach | Andrew Giusti | 1,703 | |
Nàiseantaich | Ros Surtees | 765 | |
Làbaraich | Tommy Sloan | 312 |
Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
Achadh na Meilge •Àrd Bhaile •Baile Gheàrr Lios •Baile na h-Ùige •Baile Ùr Ghlinn Lus •Baile Ùr nan Stiùbhartach •Barrachan •Blaidneach •Càrn Rìoghain •Cille Chainneir •Cill Choluim •Cill Chomhghain •Cill na Tràghad •Clachan Ghlinn Lus •Damnaglaur •An Druim Mòr •Dùn Reichit •Eaglais Steafain •An Eilreig •Ervie •A' Ghlac •Na Lochain •Lios Uillt •Am Magh Crom •Am Monadh Rèidh •Port Neasaig •Port Phàdraig •Port Rosnait •Poll an Iùbhair •Sandhead •Soirbidh •An t-Sròn Reamhar •Whauphill •Whithorn