Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Libreville

O Uicipeid
Libreville
Suidheachadh
DùthaichGabon
SgìreEstuaire
Co-chomharran00° 23 24' Tuath
09° 27 15' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh578,156(2005)

'S e prìomh-bhaileGhabon a tha ann anLibreville. Tha e suidhichte air bruach anAbhainn Ghabon, tha port aig a’ bhaile. 'S e seo anco-chomharran aige: O° 23’ 24” Tuath agus 9° 27’ Ear. Tha Libreville 381km air falbh bhoMhalabo (Gini Mheadhan-Chriosach), 450km bhoYaoundé (Camarun), agus 829km bhoBrazzaville (A' Chongo).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath nadùthcha, aig ìre namara.[2]

Anns a' bhliadhna1960 bha dìreach 31,000 duine a' fuireach an seo. Ach an dèidh neo-eisimeileachd Ghabon, dh’ fhàs am baile nas motha gu math luath, gus mu dheireadh thall bha 578,156 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin2005. Mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Chaidh am baile a stèidheachadh mar àite malairt agus dùn (fort d'Aumale) anns a' bhliadhna1843. B’e sin an t-àite far an robh na traillean a’ feitheamh airson a bhith a ‘toirt thall thairis guAimearaga. Ach anns a’ bhliadhna1848, nuair a fhuair cuid de na traillean saorsa,thòisich iad a' fuireach an seo. Mar sin dh’atharraich ainm a' bhaile gu Libreville (Fraingis: “baile saor”)

'S e seo na roinnean as cudtromaiche den bhaile (bho tuath gu deas)

  • Batterie IV, roinn fuireach
  • Quartier Louis, ainmeil airson Nightlife activity
  • Mont-Bouët, teas meadhan malairteach
  • Nombakélé, teas meadhan malairteach
  • Glass, a chiad àite fuireacheòrpach ann an Gabon
  • Oloumi, teas meadhan gnìomhachail
  • Lalala, àite fuireach
  • Owendo, deas air a’ bhaile. Tha am port-adhair agus an stèiseanTrans-Gabon Railway an seo.

'S eLibreville International Airport am port-adhair as motha ann an Gabon, tha e suidhichte mu 11 cilemeatair san taobh tuath a’ bhaile.

Dealbhan

[deasaich |deasaich an tùs]
  • Taigh Chancery, Libreville
    Taigh Chancery, Libreville
  • Suidheachadh Libreville ann an Gabon
    Suidheachadh Libreville ann an Gabon

Ceanglaichean A-mach

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Mongabay
Prìomh-bhailtean ann an Afraga

Abuja Accra Addis Ababa Algiers Antananarivo Asmara Bamako Bangui Banjul Bissau Brazzaville Bujumbura Cairo Conakry Cotonou Djibouti Dakar Diuba Dodoma El Aaiún Freetown Gaborone Harare Kampala Khartoum Kigali Kinshasa Libreville Lilongwe Lomé Luanda Lusaka Malabo Maputo Maseru Mbabane Mogadishu Monrovia Moroni Nairobi N'Djamena Niamey Nouakchott Ouagadougou  Port Louis Porto Novo Praia Pretoria Rabat São Tomé Tripoli Tunis Victoria Windhoek Yamoussoukro Yaoundé

 
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Libreville&oldid=570618"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp