Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Izyum

O Uicipeid
Izyum
Ізюм
Bratach a' bhaileGearradh-arm
noSeula

Suidheachadh
DùthaichAn Ucràin
CeàrnKharkivska Oblast
Sgìre Izyumskiy Raion
Co-chomharran49° 12 46' Tuath
37° 15 25' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd43.6 km²
Àireamh-shluaigh45,884(2021)
Dlùths1,052.39/km²
Àireamh fòn+ 380 5743
Duilleag oifigeilDuilleag Oifigeil

'S ebaile meadhanach faisg airKharkiv agusKramatorsk sanUcràin a th' ann anIzyum (Ucràinis:Ізюм,IPA:iˈzʲum). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas nadùthcha, ri taobh nah-Aibhne Donets, san roinnKharkivska Oblast. Tha 45,884 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh

[deasaich |deasaich an tùs]

Chaidh Izyum a stèidheachadh ann an1681 mar dhaingneachadh agus chaidhcathair-eaglais a thogail ann an1684.[1] Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nanNàsach eadar1942 agus1943 agus feachdan anAonaidh Sobhiataich air an cuairteachadh mar phàirt an dàrna Cath Kharkiv. B' ann mòr an call ann am beathannan a dh' fhulaing An t-Arm dearg.[2] Ann an1991, thàinig Izyum gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Bha Izyum a-rithist ann an teas-mheathaincogaidh ri linn Ionnsaigh naRuise air an Ucràin ann an 2022, agus na Ruiseanaich ag amas air taobh an ear na dùthaich a cheannsachadh.

Eòlas-sluaigh

[deasaich |deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an2001, 's eRuisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Izyum a' bruidhinn (74.22%), ged a tha mion-chuid ann leUcràinis cuideachd (23.77%).[3] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Izyum o na1930an a-mach, cha b' ann ach anns na70an a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[4] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann am Izyum air thuiteam fad na21mh Linn.


189719231926193919591970197919892001201020142021
13.1089.4149.49034.85937.59551.60360.51664.33456.11452.82151.17545.884

Daoine Ainmeil

[deasaich |deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Изюм, Большая Советская Энциклопедия, редколл., гл. ред. Б. А. Введенский. 2-е изд. том 17. М., Государственное научное издательство «Большая Советская энциклопедия», 1952
  2. The Second World War on the Eastern Front by Lee Baker, Routledge,2009,ISBN 9781405840637
  3. Ukcensus
  4. Harrison, M, The Soviet Union after 1945: Economic Recovery and Political Repression, Oilthigh Warick,Coventry,2010.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich |deasaich an tùs]
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Izyum&oldid=566406"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp