'S e an cruth as cumanta aig bruthaidhean àbhaisteach a tha annα-iarann, no ferrit. Cha urrainn do 0.021% de charboin a ruith ann anα-iarann.
Ach eadar 910 °C is 1394 °C de theothachd tha iarann a' gabhail naγ-iarann, no austenit. Dh'ainmicheadh an cruth seo airWilliam Chandler Roberts-Austen, eòlaiche ann an obair-mheatailt san 19mh linn. 'S urrainn do 2% de charboin a ruith anns an cruth seo. Tha e glè chudromach airson cinneasachadh stàilinn.
Tha clach-iarainn ga theasachadh ann am fùirneis-iarainn.Tha sin a' cruthachadhiarainn mòlltaichte, mu 4% carbon, a tha brisg agus cruaidh.Ma tha iarann mòlltaichte ga theasachadh le Fe2O3 (haematit), tha sin a' cruthachadhiarann toinnte, mu 0.08% carbon, ach tha a' mhòr-chuid de chlach-iarainn a' dol nastàilinn.[2]Cleachdar iarann ann an gnìomhachas na togalach, mar as trice ann an stàilinn, air sgàth 's gu bheil stàilinn nas cruaidhe na iarann fìor-ghlan. Tha ampròiseas Haber a' cleachdadh co-thàthaidhean iarainn mar stuthan-chatailis.