Iain MacAonghais | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Timsgearraidh, 1930 |
Dùthaich | ![]() |
Bàs | 11 dhen Chèitean 2019 |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Dhùn Èideann |
Cànain | Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche aguseachdraiche |
Fastaichean | Sgoil Eòlais na h-Alba |
B' e aon de na sgoilearan Gàidhlig na bu chudromaiche a bh' ann an Dr Iain MacAonghais (1930). Bha ùidh mhòr aige ann an òrain thraidiseanta,beul-aithris agus cultar naGàidhealtachd. Sgrìobh e iomadh artaigil is lèirmheas mu dhèidhinn an litreachais Gàidhlig airson irisean marGairm, Scottish Studies agus The Scotsman.
b' e a shloinneadh Iain mac Ruairidh mhic Iain mhic Iain mhic Nèill mhic Mhaol Mhoire mhic Iain mhic Mhaol Chaluim.[1] Rugadh e ann am Baile na Cille,Leòdhas, ann an 1930. Bha athair Iain, Ruaraidh MacAonghais, na mhinistearach ann anEaglais na h-Alba.[2] Bha Gàidhlig aige agus aig màthair Iain, Mòrag, cuideachd.[2] Dh'imrich an teaghlach guRatharsair mus a ràinig e ochd bliadhna a dh'aois. Chaidh Iain MacAonghais oideachadh ann am Bun-sgoil Ratharsair. An uair sin, dh'fhàg e Ratharsair agus chaidh e air adhart gu Àrd-sgoilPhort Rìgh anns anEilean Sgitheanach. Fhuair e an àrd-ìre ann an Laideann, Seann Ghreugais, Ealain, is Beurla.[2] Ann an 1948, thòisich e ceum aigOilthigh Dhùn Èideann. An toiseach, bha e ag ionnsachadhBeurla, ach dh'atharraich e an cuspair gucànanachas agus dh'ionnsaich e Seann Bheurla, Meadhan Bheurla is Seann-Lochlannais. Ann an 1955, chuir e crìoch air a cheum. Bhuannaich e Duais J Logie Robertson ann am Beurla, Bonn-cuimhne ann am beus-eòlas, agus Duais James Seth ann am feallsanachd. Fhuair e Gatty Scholarship, agus leis an taic-airgid seo, b' urrainn dha sgrùdadh a dhèanamh air “The Gaelic Element in Lowland Scots”.[2]
Airson seirbheis san arm, chuir e ùine seachad ann anCìopras. Dh'ionnsaich eGreugais aig an àm seo. Ann an 1958, thòisich e obair aigSgoil Eòlais na h-Alba. Ann an 1964, fhuair e sgoilearachd bhon Riaghaltas nanEilean Fàro airson laoidhean-dhannsa a sgrùdadh annsNa h-Eileanan Fàro. Bha e ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1993.