Rugadh Iain Knox ann amBaile Adainn. Thathar den beachd gun d'fhuair e foghlam aigOilthigh Chill Rìmhinn. As dèidh sin, bha e na shagart Caitligeach. Thachair e ri Seòras Uiseart, ath-leasachair na h-eaglaise Albannach a chaidh chuir ri bàs ann an 1546. B' e leanmhainniche Uiseairt a bh' ann an Knox. Mar eisimpleir, shearmonaich e mar fhear-leasachaidh aig Caisteal Chille Rìmhinn. Chuir Knox seachad 18 mìosan mar thràill air soithichean-cogaidh Frangach, gu ruige 1549.
An uair sin, thàinig e gu bhith na shearmonaiche Pròstanach ann anSasainn. Bha e na sheaplain rìoghail doEideard VI. Ann an Sasainn, phòs e Margery Bowes. Theich e dhanRoinn Eòrpa nuair a stèidh, Mhàiri I, "Màiri Fhuilteach" mar a chanar rithe, an creideamh Caitligeach a-rithist ann an Sasainn. Ann an Geneva, choinnich Knox ris an diadhair mòr Pròstanach agus ath-leasachair na h-eaglaiseJean Calvin.
Thill Iain Knox a dh'Alba ann an 1559 agus shearmonaich e an aghaidh a' chreidimh Chaitligich. Thug na sgrìobh agus na rinnJan Hus buaidh mhòr airsan.[1] Chaochail e ann an Dùn Èideann ann an 1572.