B' e fear-saidheans, matamataigear,neach-poileataigs agusriochdaire dioplòmasach àsAn t-Suain a bh' ann anKarl Hjalmar Branting (Stockholm23 an t-Samhain1860–Stockholm24 an Gearran1925).[1] Bhuineadh e do theaghlach uabhasach fhèin foghlaimte: b' e ollamh a bh' ann athair, Lars Gabriel Branting, agus cluicheadair phiàna a bh' ann a mhàthar, Emma af Georgii. Dheasaicheadh eTiden agusSocial-Demokraten. Chaidh e dhan phrìosan fo chasaidean naomh-mhallachd ann an1888 o chionn 's gun do chuir e artaigil a sgrìobh Axel Danielsson sa chlò, a bha gu làidir an aghaidhna h-eaglaise. Stèidhich e am Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach Luchd-obrach na Suaine (Suainis:Sveriges socialdemokratiska arbetareparti) ann an1889 agus chaidh a thaghadh do Phàrlamaid na Suaine airson a' Phàrtaidh ann an1896.[2] Bha e na mhinistear an Ionmhais (1917–1918) agus na mhinistear nan Dùthchannan Cèin (1921–1923). A bharrachd air sin, bha e na phrìomhair trì tursan: greiseag ann an1920, an uair sin bho1921 gu ruige1923 an mu dheireadh thall bho1924 gu ruige1925. B' e a' chiad phrìomhairSòisealach sanRoinn-Eòrpa a chaidh a thaghadh a-riamh troChòir-bhòtaidh uile-choitcheann. Chuir e air dòigh iomairt airsonNirribhidh a dhìon, a bha a' sireadh a cuid neo-eisimeileachd. Fhuair i sin gun strì ann an1905, a' cur crìoch air anAonadh Nirribhidh agus An t-Suain.[3] Bhris e bho naComannaich an dèidhAr-a-mach na Ruise ann an 1917.[4] Bhuannaich e anDuais Nobel airson Sìthe ann an1921 còmhla riChristian Lange[5] leis gun do rinn e mòran às lethLìg nan Nàiseanan agus air sàilleabh gun do rèitich e gu sìtheil A' CheistÅland, an dèidha' Chogaidh Mhòir. Phòs e aig anneach-aithris Anna Matilda Charlotta Jäderin ann an1884. Tha ceàrnag ann an Göteborg -Hjalmar Brantings Plads - ainmeachadh an a dhèidh.