Gleann Chapall | |
![]() | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 00' 03″ Tuath 03° 00′ 35″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 610(2011) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | [1] |
‘S ebaile beag dùthchasail air iomallDhùin Phris, air an àirde an iar-dheasna h-Alba a th’ ann anGleann Chapall (Beurla:Glencaple).[1] Tha e suidhichte aig ìre namara,[2] san earDhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro1975), eadarAn Abaid Ùr agusInbhir Anainn, aig inbhirna h-aibhne Nid. Tha e 34km air falbh bhoChille Chuithbeirt, 102km bhoGhlaschu, 93km bhonAn t-Sròn Reamhar agus 108km bhoDhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 610 duine a’ fuireach anns a' bhaile[3] agus 's eBeurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Gleann Chapall. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte airiasgach[4] agusturasachd. Tha taigh-òsta,[5] ionad nan con[6] agus ionad turasachd[7] anns a’ bhaile cuideachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[8] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Dùn Phris.
A rèir eòlaicheanfhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig fhèin a tha ainm a' bhaile.[9] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an14mh Linn.[10]
Thogadh CaistealChille Bhlàthain[11] an seo san13mh Linn air tobhtaichean daingneach Ceilteach, ach cha do deach am baile a stèidheachadh gus1747[12] agus bha e naphort airson Dùn Phris, leis gu bheil e na b' fhaisg air anLinne Shalmhaigh agus o chionn 's gu robh an abhainn in-sheòlta aig toiseach tòisichidh an19mh Linne. Bhathar a' togail bàtaichean sa bhaile bho1806 gu ruige1858 sa ghàrradh MhicThòmais[13] ann am bitheantas dà dhuibh gach bliadhna.
Achadh na h-Eaglaise •Ae •Amisfield •Applegarthtown •Auldgirth •Bankend •Bàrr na Dris •Beattock •Bentpath •Canonbaidh •Cathair •Cathair Ruairidh •Chapelknowe •Cille Chonaill •Cille Bhrìghde •Cill Osbairn •Cille Phàdraig nam Fleamach •An Clachan •Clarencefield •Collin •Comar na Drise •Cuingealach •Dalswinton •Daltan •Doire Chonaill •Dòrnach •Drochaid Charrainn •Drochaid a' Mhuilinn •Drochaid Mhic Iain •Dubhras na Doire •Dùn Choll •Dùn Phris •Dùn Sgoir •Eaglais Fheichin •Eastriggs •Eskdalemuir •Gleann Chapall •Greatna •Hightae •Hoddom •Inbhir Anainn •Kettleholm •Kirtlebridge •Langaim •Loch Mhabain •Logarbaidh •Am Magh Fada •Middlebie •Mouswald •Parkgate •Penpont •Powfoot •Ruadhail •Templand •Torthorwald •Tynron •Wamphray •Waterbeck