Geheime Staatspolizei |
 |
Facal Suaicheantais | Meine Ehre heißt Treue 'S ònoir mo dhìsle |
Stèidhichte | 26 an Giblean1933 |
Suidheachadh | Prinz-Albrecht-Straße 8,Berlin |
 |
B' e feachd poileis oifigeilNàsach a bha an sàs anns gach uiledùthaich air a cheansachadh le air neo fo smachdA' Ghearmailt Nàsach a bh' ann anGeheime Staatspolizei (Gàidhlig:Poileas Dìomhair na Stàite,ainm goirid:Gestapo,IPA:ɡəˈʃtaːpo).[1] Chaidh an Gestapo a chruthachadh air26 an Giblean1933 leHermann Göring.[2] Dh'aonaich e na feachdan dìomhair a bh' anns dùthaich mar-thà ann an aon bhuidheann, ach a-nis fo stiùir nan Nàsach. Air20 an Giblean1934, thàinig an Gestapo fo smachd ceannard anSS,Heinrich Himmler, a chaidh ainmeachadh ceannard Poileas na Gearmailt leAdolf Hitler ann an1936. Le sin, b' e feachd nàiseanta a bh' ann an Gestapo, seach seirbheis roinneil no ionadail àbhaisteach. A barrachd air sin, b' ann fo sgàil na Sicherheitspolizei (Gàidhlig:Poileas-tèarainteachd, ainm goirid:SiPo). An dèidh27 an t-Sultain1939, b' e an Reichssicherheitshauptamt (Gàidhlig:Prìomh-oifis Tèarainteachd na Rìoghachd, ainm goirid:RSHA) a rianaicheadh an Gestapo, fon ainm Amt 4 na RSHA. mar cho-bhuidheann na Sicherheitsdienst (Gàidhlig:Serbheis Tèarainteachd). Ghabh an Gestapo pàirt cudromach ann anUile-losgadh tronDàrna Chogadh. An dèidha' chogaidh bha an Gestapo air a sheòrsachadh mar bhuidheann eucoireach airson an uilc a rinn iad.[3]
- ↑McDonough, Frank (2017). The Gestapo: The Myth and Reality of Hitler's Secret Police.Eabhraig Nuadh: Skyhorse Publishing.ISBN 978-1-51071-465-6.
- ↑Manvell, Roger; Fraenkel, Heinrich (2011). Goering. Eabhraig Nuadh: Skyhorse Publishing.ISBN 978-1-61608-109-6.
- ↑Banach, Jens (2013). "Polizei im NS-System – Ausbildung und Rekrutierung in der Sicherheitspolizei". Ann an Hans Jürgen Lange, Die Polizei der Gesellschaft: Zur Soziologie der inneren Sicherheit. Opladen: VS Verlag für Sozialwissenschaften.ISBN 978-3-663-09757-0.