Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Funafuti

O Uicipeid
Suidheachadh Fongafale anns an atol Funafuti

'S e prìomh-bhaileThubhalu a tha ann amFunafuti. Tha e suidhichte air atolan beaga eadar 20 ‘s 400 meatair air leud, a tha nan laighe timcheall air lagonn le 18 cilemeatair a dh’ fhad agus 14 cilemeatair air leud. Tha an lagonn cho mòr ri 275 cilemeatair ceàrnagach, ach chan eil am baile ach 2.4 cilemeatair ceàrnagach gu lèir.'S eFongafale an t-eilean as motha a tha ann am Funafuti. 'S eVaiaku an t-ainm a tha air aon de na ceithir bailtean a tha air an eilean seo. Tha an riaghaltas suidhichte ann am Vaiaku. Ach gu oifigeil canar gur e Funafuti gu lèir na phrìomh-bhaile.

'S e seo anco-chomharran aige: 8° 31’ Deas agus 179° 13’ Ear

Anns a’ bhliadhna 2002 bha 4,492 duine a’ fuireach an seo.

Ceangal a-muigh

[deasaich |deasaich an tùs]
Cladach ann am Funafuti
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Funafuti&oldid=569849"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp