'S e prìomh-bhaileSiarra Leòmhann a tha ann anFreetown. Tha e suidhichte ann an ceàrn an iar na dùthcha aig a'Chuan Siar. 'S e teas meadhan malairteach aguspoileataigeach a tha anns a’ bhaile. Tha an treasamh port-mara nadarra as motha air feadh an t-Saoghail aig Freetown. 'S e anLungi International Airport am port-adhair eadar-nàiseanta a tha ann an Siarra Leòmhann. Tha e na laighe faisg air baile. Tha Freetown 361km air falbh bhoMhonrovia (Libèiria), 125km bhoChonakry (Gini), 459km bhoBhissau (Gini-Bissau) agus 735km bhoBhamako (Màili).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar nadùthcha, aig 77m os cionn ìre namara.[2]
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna1787 le traillean saora agus leBlack American Loyalist às a’Bhreatainn.Cheannaich iad an talamh bhonRìgh Tom, ceannard den cinneadh tùsailKoya Temne.Ach chaidh a’ chiad tuineachadh a losgadh anns a’ bhliadhan1789[3].'Sa bhliadhna1792 thòisich anSierra Leone Company àLunnainn air am baile a thogal a-rithist. Còmhla riutha bha traillean saora 's daoine àIaimeuca ‘s àAlba Nuadh.