Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Erfurt

O Uicipeid
Erfurt
Gearradh-arm
noSeula
Suidheachadh
DùthaichA' Ghearmailt
CeàrnErfurt
SgìreThüringen
Co-chomharran50° 59 00' Tuath
11° 02′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd269.17 km²
Àireamh-shluaigh202,929(2007)
Dlùths753.91/km²
Àireamh fòn0361
Duilleag oifigeilhttp://www.thueringen.de

‘S ebaile mòr faisg airGotha ann an cridhena Gearmailte a th’ ann amErfurt (IPA: 'ɛʁfʊʁt). ‘S ann às na Thuringii, seann treubh Gearmailteach a bha nan tàmh an seo mu500 a th' ann an ainm ach chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas mar Erphesfurt ann an sgrìobhainn eaglaise ann an742. Tha e suidhichte aig 200m os cionn ìre namara anns an t-srath Thüringen, ri taobhna h-aibhne Gera, anns an stàitThüringen agus ‘ e prìomh-bhaile na stàite a th' ann cuideachd. Tha am baile 236km air falbh bhoBherlin agus 100km bhoLeipzig.[1] ‘S eKreisfreie Stadt neo baile neo-eisimeileachd a th’ ann agus tha dà oilthigh an seo, am Fachschule agusOilthigh Erfurt. Tha 202,929 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 37mh baile as motha nadùthcha.[2] Tha am Pàirc Nàdarra Steigerwald dìreach ann an ceann a deas a’ bhaile.[3]

Eachdraidh

[deasaich |deasaich an tùs]

Bha Erfurt uabhasach cudromach ann am malairt le glas-lus fad na meadhan aoisean o chionn 's gu robh e dìreach ri taobh ath tarsainn na h-aibhne Gera. Gu mì-fhortanach bha sreath dhe ionnsaighean an aghaidh nanIùdhach an dèidh na Plàighe ann an1339. Chaidh mu cheud a mharbhadh is theich càch. Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an1392, is thugMartin Luther ceum an seo. Chaidh e a dhùnadh ann an1816. Bha am baile fo bhuaidh Mhainz bho1664 gu ruige1802, is an uair sin bha e am broinn naPruise. Ghabh naFrangaich thairis am baile bho1806 gu ruige1815. ‘S e baile prùisianach a bh’ann gu ruige1944. Ged an do tug naSasannaich agus naAimeireaganaich ionnsaighean cruaidh air a’ bhaile le plèanaichean is bomaichean làidir aig deireadhAn Dàrna Cogadh, cha do rinn iad droch sgrios is milleadh airsan idir. Chaill e gu na h-Aimeireaganaich annAn Giblean1945. Bha Erfurt am broinn A’ Gearmailt an Ear bho1949 gu ruige1989.

Daoine ainmeil

[deasaich |deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Distance Calculator
  2. Bailtean as motha na cruinne
  3. Steigerwald
  4. Riaghaltas Iosrael
  5. Annuaire de France
  6. Stadt Mainz
  7. City of Shawnee

Ceanglaichean a-mach

[deasaich |deasaich an tùs]
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Erfurt&oldid=578892"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp