B' ann às a'Ghearmailt a bha pàrantan athar agus b' ann à Tong,Leòdhas a bha amhàthair. Thogadh ise ann an croit agus bha Gàidhlig bho thùs aice. Thàinig i do na Stàitean Aonaichte nuair a bha i ochd bliadhna deug a dh'aois agus bha i ag obair mar shearbhanta-bùird ann an stàitNuadh Eabhraic.[1]
Tha Melanie Trump na threasamh bhean. Tha triùir bhalach is dithis nigheanan aige.
Tha Trump an sàs ann am mòran chompanaidhean, mar eisimpleir "Trump Hotels" agus casinothan. Bhristidh an gnothaichean aige sia àm eadar 1991 is 2009.[2][3] Thuirt Trump ann an 2011, "I do play with the bankruptcy laws – they're very good for me."[4][5]
Thuirt e cuideachd gun do rinn an IRS modh-sgrùdadh dha chìsean a h-uile bliadhna o choinn dà bhliadhna deug agus, "I fight very hard to pay as little tax as possible."[6][7] Tha Trump a' diùltadh a chìsean fhuasgail, oir a tha an IRS modh-sgrùdadh a dhèanamh a aghaidh.[8][9] Dh'fhuasgail a h-uile tagraiche cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte o choinn 1976.[10][11]
Dhubh-chàineadh e airson droch-chainnte gnèitheachais, agus thilg 15 boireannach air gun do chlaoidh e iad gu sàrachadh cleamhnasach.[12]
Bha fanaid Trump air fear-naidheachd ciorramach Serge Kovaleski agus seanadairJohn McCain anns na naidheachdan Aimeireagach.[13] Bha McCain na phaidhleat anns an Cogadh Bhiet-Nam agus leònadh e ann an tubaist; bha e na chiomach còig bliadhna fo chreòtachd ùghdarras Bhiet-Nam a Tuath. Thuirt Trump, "'S fheàrr leam duine nach do ghlacadh a-riamh."[14]
Sheas Trump airson taghadh mar ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2012, ach chiall e anns a' chiad thaghadh.
Air8 an t-Samhain2016 bhuannaich e taghaidhean nanStàitean Aonaichte, a' chiad neach a rinn seo a-riamh an aonais eòlas anns anArm air neopoileataigs,[15] gidheadh fhuair Hillary Clinton faisg air trì millean bhòtan a barrachd, agus Mike Pence na iar-cheann-suidhe.[16]
Air 20 am Faoilleach 2017, rinn e òrdan toirmisg innteirte daoine às seachd dùthaich Muslamach:Ioràc,Ioràn,Libia,Somàlia,Sudan,Siria agusIemen.[17] Bhòt Taigh nan Riochdairean airsonimpeachment an aghaidh ann an 2019.[18]
Chaill e taghadh a' chinn-suidhe ann an 2020 is ann an 2021 thug e misneachd do luchd-taic a thug ionnsaigh air togalach a' Chapitol, far a bheil Pàrlamaid nan Stàitean Aonaichte is i a' dearbhadh gum biJoe Biden an t-ath-cheann-suidhe. Chaochail ceathrar anns an fhòirneart[19] agus aonar eile an dèidh sin.[20] Chaidh Mgr Trump a thoirmeasg bho Twitter.[21] Chuir e dragh ar luchd-fulaing de phianadh rè 2025.[22][23]
RinnMànran, còmhlan-ciùil folk-ròc Ghàidhlig is Bheurla, òran dà-chànanach mu a dheidhinn, "An Dà Là."
Bhuannaich duanag Bheurla Ghallda le Lorna Wallace às Cill Mheàrnaig duaisRaibeirt Burns ann an Sealainn Nuadh. Tha "A Scot’s Lament fur her American Fellows (Oan their election of a tangerine gabshite walloper)" na thiotal an dàin.[24]
Rinn Joseph Charles McKenzie dàn a mholaidh gu snòdarsaich "the Domhnall, the best of MacLeod!" Tha an dàn ag spreigeadh a nàimhdean do a h-uile rud air a shon a dhubh-chàineadh Trump fhèin, mar eisimpleir dòlas luchd-imriche agus fèinealachd. Tha McKenzie na bhàrd ainmeil Aimeireagach is na bhallSociety of Classical Poets.[25]