'S eprìomh-bhaileThansainìa a tha ann anDodoma. Tha e suidhichte mu 465 cilemeatair san ear airDar es Salaam agus mu 441 cilemeatair deas airArusha. Tha Dodoma 557km air falbh bhoNairobi (Ceinia), 2,276km bhoBhrazzaville (A' Chongo), 774km bhoBhujumbura (Burundaidh), 787km bhoKhigali (Rwanda), 1,310km bhoLusaka (Saimbia), 2,225km bhoMhaputo (Mozambique), 893km bhoLilongwe (Malabhaidh), agus 804km bhoKhampala (Uganda).[1] Tha e suidhichte ann an cridhe nadùthcha, aig 1,104m os cionn ìre namara.[2]
Anns a’ bhliadhna 2002 bha 324,347 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, mar sin 's e an treasamh baile as motha den dùthaich. 'S e Dar es Salaam am baile as motha a tha ann an Tansainìa. Anns a’ bhliadhna 1996 dh’ imrich an riaghaltas Tansainìa bho Dar es Salaam gu Dodoma, ach tha mòran oifisean pàrlamaideach fhathast ann an Dar es Salaam. Tharathad-iarainn ann eadar Dodoma agus Dar es Salaam. 'S eCaitligich a th'ann mu 20% dhe na daoine ann an Dodoma.[3]
Tha dà oilthigh ann:
- St. Johns University
- The University Dodoma (UDOM). Thòisich UDOM san t-Sultain 2007 le 1500 oileanach, ach aig ceann ceithir bhliadhnaichean eile tha iad an dòchas gum bi gu bhith 40,000 oileanach ann.
- ↑Distance Calculator
- ↑Mongabay
- ↑Easbaigeachd Dhodoma
Prìomh-bhailtean ann an Afraga