Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Deirdre

O Uicipeid
ThaDeirdre Barlow 'na prìomh-charactar air anlìn telebhisean Bhreatannach,An t-Sràid a' Chrùnaidh.

ThaDeirdre, noDerdriu, 'na bana-ghaisgeach air thoiseachtruagh 'sanEòlas ùr-sgeulachd na h-Èireann. Tha a sgeulachd cuid naCuairt na h-Uladh.

Bha Deirdre 'na nigheanFhedlimid mac Daill. Nuair bha i air bhreith, dh'fhàisnichCathbad andraoidh a bhitheadh i fìor-àlainn, ach bheireadh i na bàsan nam gaisgeach ainmeile na h-Uladh. ShocraichConchobhar, rìgh na h-Uladh, ga h-àrach i ann an dealachadh, 'gus ga pòsadh nuair bha i aig aois chuimseach. Ge-tà, dh'fhàs Deirdre 'steach do rìbhinn àlainn, ged aonarach, agus choinnich i, ghabh gaol mòr air, agus ruith air falbh leNaoise, laoch, sealgair, is seinneadair òg brèagha, com-pàirtichte le a bhràithrean, Ardan agus Ainle. Theich iad dhan dh'Alba, ach ge be air bith càite thàinig iad dh'fheuchadh 'n rìgh dùthchail a mharbhadh Naoise 'gus a bhràithrean is mar sin gabh Deirdre. Ri ùine thàinig iad gu stad aig eilean cian, far lorg na fir Chonchobhair iad.

Chuir eFearghus mac Róich dhaibh le fios de seòladh sàbhailte dhachaigh. Bha Deirdre mì-earbsach dhiubh agus dh'fheuch i a thoirt rabhadh Naoise 'gus a bhràithrean, ach cha do chreid iad i agus chaidh i leotha gu h-aindeonach. Air an tilleadh dhan dh'Eamhain Mhacha bha Fearghas air thoirt ionnsaigh agus thug Conchobhar àithne a mharbhadh Naoise 'gus a bhràithrean 's mar sin b' urrainn dha Deirdre phòsadh, ma le spàirn. Bha Fergus air a shàrachadh leis a' bhrath seo a ghealladh, 'gus chaidh e 'steach do fògradh sa'Chonnacht, agus chog e 'n aghaidh an Ulaidh airsonAilill agusMedb 'sanTáin Bó Cúailnge.

Fearg air chur air leis a' ghràin Dheirdre ga ionnsaigh agus a bròn, chuir Conchobhar an tairgse riEóghan mac Durthacht, an fear a mharbh Naoise, a ghabh i fad ùine. Thug i ùthachd dhi fhèin le leigeil taic ri bho acarbad agus buaileadh a ceann an aghaidh clach. Ann an seòrsachan nas fadalaiche na sgeulachd, bhàsaich i de bròn.

Tha dà chluich ann a tha stèidhichte air sgeulachd Dheirdre:Deirdre leWilliam Butler Yeats (1907) agusJ.M. Synge'sDeirdre nam Bròn (1910).

Bha 'nLÉ Deirdre (P20), long 'sanDleasnas Luingeasach na h-Èireann (a-nis dì-bharantaichte), ainmichte 'n dèidh dhi.

Sgrìobhaidhean

[deasaich |deasaich an tùs]

Seallaibh cuideachd

[deasaich |deasaich an tùs]
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Deirdre&oldid=579061"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp