Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Cluj-Napoca

O Uicipeid
Cluj-Napoca
Kolozsvár
Klausenburg
Gearradh-arm
noSeula

Suidheachadh
DùthaichRomàinia
CeàrnCluj
Co-chomharran46° 21 34' Tuath
25° 48 06' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd179.5 km²
Àireamh-shluaigh324,576(2015)
Dlùths1,808.22/km²
Àireamh fòn+40 02 64
Duilleag oifigeilDuilleag Oifigeil

'S ebaile mòr eadarOradea agusTârgu Mureș, ann an ceann a tuathRomàinia a th' ann anCluj-Napoca (IPA:ˈkluʒ naˈpoka,Ungairis:Kolozsvár, IPA:ˈkoloʒvaːr,Gearmailtis:Klausenburg). Tha e suidhichte ri taobhna h-Aibhne Someșul Mic, aig 340m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis:Județ)Cluj. Tha 324.576 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh

[deasaich |deasaich an tùs]

'S ann às anfhacalclusa (Gàidhlig: mòr-chlais) ann anLaideann 's a tha ainm a' bhaile.[2] ChanadhNapoca ris aig àmImpireachd na Ròimhe o chionn's gu robh treubh Daci air an robh naNapaei nan tàmh san sgìre. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an1213 marClus. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Cluj-Napoca nam measg. 'S e an adhbhar a chanarSiebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.[3] Buinneadh Cluj-Napoca dhanPhrionnsalachd Transsilvania bho1541 gu ruige1699 a bh' ann.[4] B' eprìomh-bhaile naGroß Fürstentum Siebenbürgen bho1790 gu1848 agus an uaire sin bho1861 gu1867 cuideachd. Bhuinneadh am baile dhanOstair-Ungaire gu ruige1922 nuair a ghabh Romàinia os làimh e. ChruthaichA' Ghearmailt Nàsach GhettoIùdhach an an Cluj-Napoca mar phàirt anUile-losgaidh. Shaoraich feachdan Romàinia agusAn t-Aonadh Sobhiatach am baile air11 an Dàmhair1944.

Àireamh-shluaigh

[deasaich |deasaich an tùs]

À rèir Cunntas-shluaigh2015 tha mòr-chuid Romàinianaich (81.5%) agus mion-chuid Ungairianaich (16.4%) a' fuireach ann an Cluj-Napoca.

Daoine ainmeil

[deasaich |deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Institutul Național de Statistică
  2. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc,Bucharest,1963.
  3. Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau,Köhln/Weimar/Vienna,2003.
  4. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung, Arbeitskreis für Siebenbürgische LandeskundeHeidelberg,2002.
Smachd ùghdarrais
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Cluj-Napoca&oldid=572696"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp