Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Canonbaidh

O Uicipeid
Canonbie

Suidheachadh
DùthaichAlba
CeàrnDùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran55° 04′ 40″ Tuath
02° 57′ 07″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh390(2001)
Àireamh fòn013873
Duilleag oifigeilDuilleag a' Bhaile

‘S ebaile beag dùthchasail air iomall na crìochan leSasainn, air an àirde an iar-dheasna h-Alba a th’ ann anCanonbie neoCanobie o shean. Tha e suidhichte aig 52m os cionn ìre namara,[1] air an àirde an ear-dheasDhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro1975), eadar anGreatna agusLangaim, ri taobhna h-Aibhne Easg.[2] Tha e 236km air falbh bhoObar Dheathain, 118km bhoGhlaschu, 32km bhoDhùn Phrìs agus 99km bhoDhùn Èideann, prìomh-bhaile nadùthcha.[3] Tha 390[4] duine a' fuireach an seo agus 's eBeurla agusBeurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Canonbie. ThaEaconomaidh a' bhaile gu math crochte airàiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha taigh-òsta,[5] talla a' bhaile, agus bùth an seo. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Langaim.

Eachdraidh

[deasaich |deasaich an tùs]

Chaidh daingneach a chur air bhog ri linn nan Ròmanach. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an1290 marCaneby.[7] Thogadh mainistir beag an seo ri linn RighDaibhidh I le taic bhon thighearna Turgis de Rosdale agus dhùnadh ann an1606 e.[8] Fhuair am baile ainm bho na clèirich a bha nan tàmh an seo. Bha am baile ann am meadhan fearainn na deasbaireachd, far an robh Alba agus Sasainn a' sabaid air na crìochan aca fad iomadach linn, agus bha an suidheachadh gu math doirbh. Thug An t-Iarla Thomas Wharton ionnsaigh a' mhainistir an dèidh Cath na Mòine Shalmhaigh, ann an1542.[9] SgrìobhWalter Scott luaidh, air an robh "The Young Lochinvar", mu dheidhinn a' bhaile is na h-aibhne ann an1808,[10] a thug deagh chliù dhan sgìre. A-rèir carragh-chuimhne san sgìre, fhuair 46 duine à Canonbie bàssa Chogadh Mòr.[11]

Daoine Ainmeil

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Elevation Map
  2. SEPA
  3. Distance Calculator
  4. EVI
  5. Trip Advisor
  6. Canonbie Primary
  7. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Watt, D.E.R. & Shead, N.F. (Deasaichean), The Heads of Religious Houses in Scotland from the 12th to the 16th Centuries, The Scottish Records Society, New Series, Dreach 24, (Dùn Èideann,2001), duilleagan 28–9
  9. Cameron, Jamie, James V, The Personal Rule, Tuckwell (1998)
  10. University of Michigan
  11. Scottish War Memorials Project
Bailtean ann an Siorrachd Dhùin Phris

Achadh na h-Eaglaise •Ae •Amisfield •Applegarthtown •Auldgirth •Bankend •Bàrr na Dris •Beattock •Bentpath •Canonbaidh •Cathair •Cathair Ruairidh •Chapelknowe •Cille Chonaill •Cille Bhrìghde •Cill Osbairn •Cille Phàdraig nam Fleamach •An Clachan •Clarencefield •Collin •Comar na Drise •Cuingealach •Dalswinton •Daltan •Doire Chonaill •Dòrnach •Drochaid Charrainn •Drochaid a' Mhuilinn •Drochaid Mhic Iain •Dubhras na Doire •Dùn Choll •Dùn Phris •Dùn Sgoir •Eaglais Fheichin •Eastriggs •Eskdalemuir •Gleann Chapall •Greatna •Hightae •Hoddom •Inbhir Anainn •Kettleholm •Kirtlebridge •Langaim •Loch Mhabain •Logarbaidh •Am Magh Fada •Middlebie  •Mouswald  •Parkgate •Penpont •Powfoot •Ruadhail •Templand •Torthorwald •Tynron •Wamphray •Waterbeck

 
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Canonbaidh&oldid=578945"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp