'S e dùthaich ann anAmeireaga-a-Tuath a tha ann anCanada[1]. Tha e suidhichte tuath airna Stàitean Aonaichte. Le farsaingeachd 9.93M km² 's e seo an dàrna dùthaich as motha san t-saoghal.
Tha mòran ag aideachadh gu bheil dualchas naGàidhlig ann an Canada ann an Albainn Nuaidh ann an suidheachadh cunnartach. Cho fad air ais ri1987, chaidh a dhearbhadh gun robh fìor fheum anns a’ mhòr-roinn air leasachadh taobh na Gàidhlig.
Ann an 1890, chaidh bile thoirt a-steach le Seanadhair Tòmas Raibeart MacAonghais, a rugadh anCeap Breatainn ach a bha ’na riochdaire airson Cholumbia Bhreatnach; ged nach do shoirbhich leis, bha e ’na bheachd Gàidhlig ainmeachadh mar an treas cànan oifigeil ann an Canada. Dh’ainmich e àireamhan a' Chunntais 1881 a bha sealltainn gum b’e 1,657,266 uil-àireamh an t-sluaighAlbannaich agusÈireannaich, an coimeas ri 1,289,929 deFhrangaich agus gun ach 881,301 deShasunnaich. Ged nach robh e cumail a-mach gun robh Gàidhlig aig gach Albannach is Èireannach, na eadhoin aig a’ mhòr chuid dhiubh, thagair e gun robh an àireamh a bha bruidhinn cànan an sinnsir anns an dà bhuidheann nàiseanta mòr gu leòr chum inbhe thèarainte a chosnadh."
'S e an darna dùthaich as motha annsan t-Saoghal às dèidh naRuise a th' ann an Canada, agus tha an t-iomall-fairge na Canada nas fhaide na fear aig dùthaich sam bith eile anns an t-saoghal.
Ged as e dùthaich mhòr agus farsaing a th' ann an Canada, chan eil mòran dhaoine a tha a' fuireach innte an coimeas ri dùthchannan eile. Thar farsaingeachd de 9,984,670 km², chan eil ach 32.976.026 (2007) a tha a' fuireach innte, neo 3.2 daoine airson gach km². Tha an cuid as motha de muinntir na Canada a' fuireach eadar Uindseor, Ontairio agusBaile Quebec,Quebec.
A thaobh am meud agus an doimhneachd, 's e nì as iongantaiche ann na Canada nalochan uisge a th' innte. Tha iad a' toirt bàrr air lochan uisge an t-saoghail; mar a thaLoch Superior, an dàrna loch-uisge as motha sa chruinne a-rèir fharsaingeachd uachdair (Loch Michigan-Huron, 1mh) agus a tha 350 mìle air fad, agus 160 mìle air leud. Tha astar 115 mìle ceithir timcheall an loch-uisge seo, agus tha e 1,332 troigh air doimhneachd. Tha trì no ceithir de na lochan seo dlùth do a chèile; agus a' tearbadh Chanada uachdrach bho Stàitean Aonaichte Aimearaga a tha air an taobh eile. Bho loch gu loch dhiubh seo thaaibhnichean a' ruith, a' meudachadh gu mòr mar a tha iad a' dol air an aghaidh, gus am bheil an abhainn mhòr don ainm anAbhainn Labhrainn(Abhainn naoimh Labhrainn) a' tòiseachadh. Tha an abhainn seo dlùth do 100 mìle air leud far am bheil i a' ruigsinn a'chuain. Tha 1900 mìltean bhon àite bho am bheil an abhainn seo ag èirigh, a dh'ionnsaigh an àite far am bheil i a' coinneachadh nafairge. Tha aon àite air Abhainn Labhrainn a tha air ainmeachadh "loch nam mìle eilein"; tha 117eilean ann an aon ruith air an abhainn seo. Tha iad do gach cumadh agus meudachd, fochoille dhreachmhor. Anns na h-àiteachan sin, far am bheil loch a' tuiteam a-staigh do loch eile mar a tha iad a' tèarnadh le leathad chum a' chuain, thasruthan brasa, agus leumannan uisge nach eil an coimeas ri fhaicinn anns an t-saoghal gu lèir.[3]
Tha na deich mòr-roinnean aig Canada air an ainmeachadh mar a leanas còmhla ri na prìomh-bhailtean agus a' bhliadhna anns a dh'aonaich iad leis an dùthaich.Tha trì roinnean ann an Canada cuideachd, 's e sinRoinnean an Iar Thuath,Nunabhùt isRoinn an Iucon.
B' e cleasaiche ainmeil a bha ann anRaymond Burr, chluich e m. e. anns a chiad shreath deIronside. Tha rionnag aig Burr airSraid na Cliu ann anHollywood.