‘S e prìomh-bhaile na roinneValle del Cauca, ann anColoimbia,[1] a th’annCali, neoSantiago de Cali (sanˈtjaɣo ðe ˈkali).[2] Tha e suidhichte aig 995m os cionn ìre namara agus 440km air falbh bhoBhogotá.[3] agus tha teodhachd meadhan dhe 25° aige, rè a’ bhliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an1536 anns an sgìre ris an canar an Sliabh an Iar (Spàinntis: La Cordillera Occidental), ann an gleann mòr annsna h-Andes. Thaeaconomaidh làidir aig a’ bhaile, stèidhichte air sreath fhada dhe gnìomhachasan. Bha cunntas-sluaigh dhe 2,119,908 aig a' bhaile fhèin ann an2005, a-rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh,[4] 'S e Cali an treas baile as motha na dùthcha.[5] agus an 12mh baile as motha ann anAimearaga-Laideannach[6]
Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e.Sante Fe de Bogotá,San Bonifacio de Ibagué agusSan Juan de Pasto. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aigNaomh Seumas,[7] neoSantiago ann anSpàinntis. Thathar a' creidsinn gur e facalQuechua a th'ann an eileamaid Cali, leis cho faisg 's a tha am baile ri seann chrìochanTawantinsuyu. 'S e Cali an t-ainm a tha air abhainn a' bhaile cuideachd.[8]
Ged a tha 2,119,908 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 36,737 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gachclachan aguscroit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air andùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Cali. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.5% agus tha 26.2% dhe daoine le freumhan ann anAfraga. ' S urrainn dhan 94.9% dhe na daoine ann an Cali leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 81.9% dhe na dachannan.[10]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cali. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
An t-Sìde ann an Cali
- ↑Dùthchannan aig SMO
- ↑Encyclopedia Britannica[dead link]
- ↑Invias
- ↑Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑Bailtean as motha na dùthcha
- ↑Mongabay
- ↑New Advent
- ↑Fiosrachadh na Roinne
- ↑Cololmbia Virtual
- ↑Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑Country Studies: Colombia
Prìomh-bhailtean Roinneil ann an Choloimbia