Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Beurla

O Uicipeid
Beurla
English
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

360–400 millean bho thùs, 400 millean eile gu fileantach[1]

Reangach3 (fileantach bho dhùthchas), 1/2 (iomlan)
Teaghlach-chànan

Cànan Ghearmailteach

Siostam-litreachaidhAibidil Laideannach
Còdan Cànan
ISO 639-1en
ISO 639-2eng
ISO 639-3eng
Roinnean far a bheil Beurla ga bruidhinn

IscànanGearmailteach a tha ann amBeurla (English) mar a thaDuitsis,Gearmailtis agus cànananLochlainn msa. 'S i a' Bheurla tè dhe na cànanan as motha air an t-saoghal; a thaobh àireamh luchd-labhairt dùthchasach, tomhaisear gur i an treasamh cànan sachruinne an dèidhSìonais (1mh) agusHindi (2na); ach canar le cuid eile gum bheil i aig a' chòigeamh àite an dèidh naSpàinntis. Measar gur i a' Bheurla an cànan as motha a tha ga labhairt agus ga ionnsachadh mar dàrna cànan air feadh an t-saoghal mhòr. 'S ise aon de shia cànanan oifigeil, agus dà chànan obrach, nanDùthchannan Aonaichte, còmhla riFraingis.

Beurla sa Ghàidhlig agus cànanan eile

[deasaich |deasaich an tùs]

Ged is iSasainn a'Gàidhlig air andùthaich, agusSasannach air nithean a bhuineas do Shasainn, thàinig gur iBeurla a ghabhas air a' chànan. Tha Beurla a' buntainn doBélre san t-seann Ghàidhlig, a' tighinn bho "beul" agus "re".[2] Mar seo, tha i cuideachd a' ciallachadhcainnt, noteangasan fharsaingeachd a bharrachd air a brìgh san latha a th' ann. Tha a' Ghàidhlig, a-rèiste, a' cur dealachadh eadar a' Bheurla Shasannach, mar a labhras ann an Sasainn i, agus Beurla Albannach, Beurla leathann, no mar as fheàrr a dh' aithnichear an-diugh i,Beurla Ghallda air an cuireadh Beurla Ghallda bho chionn goirid air sgrìobhainnean oifigeil na h-Alba. 'S ann a tha cùisean a' tighinn nas toinnte buileach nuair a bheachdaicheas gur i Beurla na Fèinne a chanas ris an t-seann Ghàidhlig a bh' air a bruidhinn measg muinntir na Fèinne san t-seann aimsir.[3]

Thachair gur e facal ceangailte ri ainm aon de na treubhan Gearmailteach – na h-Anglaich – a chuireadh air Sasainn agus air a' Bheurla Shasannach sa chànan fhèin;England,English. Mar an ceudna, anns a' chuid as motha de chànanan an t-saoghail ma-tà, tha am facal a thathas a' cur air Beurla, a' buntainn don fhacail a thathas a' cleachdadh mar ainm Shasainn (m.e. Angleterre, anglais; Inglaterra, ingles) ach ann an cànanan marShìonais noIapanais, chan eilear a' cur dealachadh eadar Sasainn, Beurla Shasainn noBreatainn, a dh' aindeoin 's gum bheil faclan eile aca airAlba,a' Chuimrigh ag]usÈirinn a Tuath. Mar eisimpleir, ann an Iapanais, canar 英語 (eigo) ri Beurla Shasainn, agus 英国(eikoku) riBreatainn,Sasainn no anRìoghachd Aonaichte am bitheantas ach, 's e a th' ann am barail mòr-shluagh na dùthcha sin an da-rìreabh, ach Sasainn a-mhàin, oir chan eil eadar-dhealachadh ann eadar Breatainn (英国), agus an R.A(イギリス no Sasainn(英国、イギリス、イングランド)naneanchainnean, do bhrìgh 's gum bheil dlùth-cheangail sa chainnt mhàthaireil aca eadar ancànan fhèin (Beurla Shasannach) agus na h-ainmean Breatainn, an R.A agus Sasainn uile. Thathar a-nis a' cur dealachadh eadar イングランドingurando (Sasainn),スコットランドsukottorando (Alba), ウエールズueeruzu (A' Chuimrigh), 北アイルランドkitaairurando (Èirinn a Tuath) agus イギリスigirisu (Sasainn, An Rìoghachd Aonaichte), gu h-àraid bhon a bha Sgioba Ball-coise Shasainn a' cluich ann anCuach na Cruinne ann anIapan an 2002. Gidheadh, 's e facal a bhuineas don fhacailPhortagailisingles – a th' ann an イギリス.

  • N.B (Ged a tha abairt ann mar 連合王国 (Rengououkoku – An Rìoghachd Aonaichte), chan eil e air a cleachdadh gu tric. Cleachdaidh Seirbhis Puist Nàiseanta Iapain イギリス(igirisu) mar ainm airson An Rìoghachd Aonaichte).

Eachdraidh

[deasaich |deasaich an tùs]

Thàinig a' Bheurla bho thùs gu bith bho na dual-chainnteanAngla-Fhreaslainnis a bh' air an labhairt leis na treubhan Gearmailteach –Anglaich,Sagsanaich,Diutaich agusFreaslainnich – a bhruth a-steach doBhreatainn a Deas aig toiseach a' chòigeamh linn agus a bhuineadh do sgìrean far am bheil Iar-thuath naGearmailt agusTìrean Ìsle a Tuath an-diugh.

An dèidh doUilleam Diùc Normandaidh naSasannaich a cheannsachadh, chuir e fhèin agus na h-uaislean aige dìmeas air a' Bheurla agus gach ni Sasannach. Cha robh cànan sam bith air a theagasg ann an sgoiltean no oilthighean achFraingis noLaideann rè mòran linntean an dèidh sin. Is mòr an t-atharrachadh a thàinig air a' Bheurla bho na làithean ud.

Cha robh a' Bheurla gu deireadh linn an treasamhÌomhair, Rìgh Shasainn, idir coltach ris a' Bheurla a tha air a labhairt san latha an-diugh. Air an adhbhar sin, chan eil seann leabhraichean sgrìobhte rim faighinn anns a' Bheurla mar a gheibhtear ann anGàidhlig, Laideann no seann chànanan eile.[4]

An dèidhBuaidh nan Normanach, chaidh Seann Bheurla naBeurla Mheadhanach, a' gabhail a-steach an t-uabhas fhaclan-iasaid agus gnàthsan litreachaidh bho chainnt nanNormanach (Sasannach-Fhrangach). Thàinig Beurla an latha an-diugh gu bith bhon uairsin, agus san latha a th' ann, 's ann a tha i a' leantainn oirre faclan-iasaid cèin a thoirt a-steach bho chaochladh chànanan, a thuilleadh air a briathrachais fhèin a chruthachadh.

Dualchainntean

[deasaich |deasaich an tùs]

Thug an Impireachd Bhreatannach a' Bheurla còmhla riutha oir a bha i an cànan riaghlachais anns a' h-uile tuineachas. Tha dualchainntean eadar-dhealaichte na Beurla anns anAlba,a' Chuimrigh is anÈirinn, anns naStàitean Aonaichte, annsna h-Innsean, ann an dùthchannan na h-Afraga agus dùthchannan eile.

Tha cuideachd crìtheolan a thàrmaich às a' Bheurla, mar eisimpleir PatoisDiameugach, Crìtheol naBheilìs, Gullah (ann an t-Saoghal Ùr), "Hinglish", "Singlish" is eile (ann anÀisia), agus Crìtheol nanEileanan Hawai'i anns a'Chuan Sèimh. Tha crìtheolan eadar-dhealaichte ann an mòran eilean ann an Roinn Charaibeach.

Aistean co-cheangailte

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Crystal, David(2002):Language Death.Cambridge University Press.ISBN 978-1-139-10685-6.doi:10.1017/CBO9781139106856.Air a thogail 25mh dhen Ghearran 2015. 
  2. Faclair MhicBheathain
  3. Dwelly-d
  4. T. (14mh dhen Mhàrt 1896):Naidheachdan,” ann an:Mac-Talla, td.7.Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.
Cànain nan Innseachan
OifigeilAssamaisBengalaisBodo (o 2004) •Dogri (o 2004) •GujarataisHindiKannadaKashmiriKonkani (o 1992) •Maithili (o 2004) •MalayalamManipuri (o 1992) •MarathiNepalais (o 1992) •OriyaPunjabiSanskritSanthali (o 2004) •Sindhi (o 1967) •TamailisTeluguUrdu
EileBeurla
Smachd ùghdarrais
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Beurla&oldid=575215"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp