ThaSierra Nevada a' ciallachadh"Bioran sneachdach" saSpàinntis agus sin a chanas iad ri sreath debheanntan àirde ann anCalifornia snaStàitean Aonaichte. 'S iad sin na beanntan as àirde sna Stàitean Aonaichte taobh a-muighAlasga.
Tha beanntan Sierra Nevada a' sìneadh còrr 's 400 mìle bho dheas gu tuath, eadar Bealach Fredonyer sa cheann a tuath 's Bealach Tehachapi sa cheann a deas. Air an taobh siar, tha an Gleann Mòr (Great Valley) ann 's air an taobh sear, anGreat Basin 's an gleann Owen.
Bhon iar chun an ear, tha na Sierra Nevada ag èiridh mean air mhean chun an oir an ear 's an uair sin thèid iad sìos gu cas. Agus tha na beanntan nas àirde mar a thèid thu bho thuath gu deas. Sa cheann a tuath, faisge air Loch Tahoe, tha iad a' sreap suas ri 10,000 troigh os cionn namara. 300 mìle gu deas, tha iad a' dol seachad air 14,000 troigh os cionn na mara.