Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Baile an Todhair

O Uicipeid
Baile an Todhair

Baile an Todhair
Suidheachadh
Baile an Todhair is located in Alba
Baile an Todhair
Baile an Todhair (Alba)
DùthaichAlba
ComhairleComhairle na Gàidhealtachd
SiorrachdRos an Ear
Co-chomharran57° 45′ 25.24″ Tuath
3° 54′ 43.02″ Iar
Comharradh-clèitheNH863757
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd0.67 km²
Àireamh-shluaigh1,087(2001)
Dlùths1,622.39/km²
Còd-puistIV20 1
Duilleag oifigeilseaboardvillages.com

'S e baile air a'Ghàidhealtachd a tha ann amBaile an Todhair (Beurla:Balintore)[1][2]. B' ePort an Ab an t-seann ainm aige a bha aig muinntir a' bhaile.[3]

Tha am baile suidhichte faisg airBaile Dhubhthaich ann an Ros an Ear. 'S e sin aon de na trì bailtean air oirthir a tuath airLinne Mhoireibh ris an canarBailtean na Mara agus na laighe eadarBaile a' Chnuic agusSeannduaig, an dà bhaile eile.

Ann an 2001 bha 1,087 duine a' fuireach ann am Baile an Todhair agus tha Gàidhlig aig 3.68% dhiubh.[4]

Tha port mara aig Baile an Todhair a chaidh a thogail timcheall air 1890. Bha iasgachd na gnìomhachas làidir an seo, ach an-diugh chan fhaighear mòran chosnaidhean anns an roinn seo. Dh'fhàs am baile na bu motha an dèidh 1978, nuair a thàinig ola a-steach le loidhne-phìoba bhoBeatrice Field gu Seannduaig.

Tha bùth, oifis a' phuist agus bùth-chungaidhean ann. Chaidh talla a' bhaile ùr le cafaidh fhosgladh cuid bhliadhnaichean sa chaidh.

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Baile an Todhair/Balintore”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 13. Air a thogail 8mh dhen Ògmhios 2017.
  3. W.J. Watson:Placenames of Ross and Cromarty Inbhir Nis 1904, d.41
  4. Scottish Census Results Online[dead link]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich |deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann anWikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Baile_an_Todhair&oldid=569343"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp