Astatain |
---|
 |
Bha Emilio Segrè anns an sgioba a rinn astatain ann an 1940. |
|
Buadhan |
---|
Samhla | At |
---|
Àireamh | 85 |
---|
Buidheann | Haloidean (17) |
---|
Ùine | 6 |
---|
Bloca | p |
---|
Seòrsa | Haloidean |
---|
Buadhan stuthach |
---|
Dath | Chan eil fhios againn |
---|
Buadhan atamach |
---|
Tomad atamach/Da | (210) neo-sheasmach |
---|
Comh-dhealbhadh atamach | [Xe] 4f14 5d10 6s2 6p5 |
---|
Cor ogsaideachaidh | +7, +5, +3,+1,−1 |
---|
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 | 899.003 |
---|
|
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann anastatain le samhlaAt agus àireamh atamach 85.[1] Tha e cho rèidio-bheò 's gum biodh sampla faicsinneach a' deatachadh leis anrèididheachd agus tha na feartan astatain fhathast mì-shoilleir. Tha astatain glè rèidio-bheò agus cha lorgar seo ann an àrainneachd. Rinneadh caractarachd ri 37 iosatòpaichean de dh'astatain. Tha an leth-bheatha aig an iosatòp as seasmhaiche,210At, 8.1 uairean a thìde.
Ann an1940 rinnDale R. Corson,Kenneth Ross MacKenzie agusEmilio G. Segrè astatain aig an Oilthigh Chalafòrnia, Berkeley le greasadair-mhìrean. Dh'ainmich iad astatain air a' Ghreugachἄστατος, "neo-sheasmhach".
Tha luchd-saidheans a' rannsachadh astatain-211 ann an gath-leigheas. 'S e tobar mìrean-alpha a tha ann agus tha a leth-bheatha 7.21 uairean a thìde. Maraidhodain, tha astatain a' co-chàrnadh anns a' fhàireag sgiathach.
- ↑“astatain”. An Seotal. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.