Cha robh na h-eileanan seo fo riaghladhAlbannach ro1471, nuair a thugadh iad (còmhla le Sealtainn) le Rìgh Lochlainn do Rìgh na h-Alba, mar eàrlas airson tochradh a nighinn na b' urrainn ga phàigheadh. Cha do phàigh Rìgh Lochlainn an tochradh fhathast agus tha Arcaibh an-diugh measaichte a bhith Albannach. Cha robha' Ghàidhlig a-riamh aig na h-Arcaich. B' eNòrnais an cànan a bha aca, nòs de sheannLochlannais a mhair gu ruige na 18mh linn. Bha rìoghachdChruithneach ann mus dàinig naLochlannaich. 'S e Bàgh na h-Eaglaise amprìomh-bhaile ann, far a bheil àrd-eaglais Naomh Mhànais.
Còmhla riSealtainn, canar cuid "na h-Eileanan a Tuath" ri Arcaibh.
Bha inbhe siorramachd aig Arcaibh gu ruige 1974, suidheachadh nach do dh'atharraich gu mòr fon Local Government Scotland Act, a chuir às do na seann Chomhairlean Shiorramachd agus a' stèidhich comhairlean roinneil agus sgìreil nan àite. Is ann mar sin a chaidhComhairle Arcaibh a chruthachadh an 1974, ùghdarras ionadail aonaichte, mar a tha aig Innse Gall agus Sealtainn bho sin a-mach.
Eu-coltach ri Sealtainn, nas fhaide tuath, cha dug gnìomhachas ola a' Chuain Ghearmailtich buaidh mhòr air Arcaibh. Tha na h-eileanan seo ìosail agus tha an talamh math, is e àiteachas aig inbhe tuathanasachd, (inbhe nas beartaich na croitearachd) a tha na bun-stèidh den eaconomaidh. Is ann mar sin nach e siorramachd croitearachd a bha an Arcaibh a-riamh.