Thòisich agus dh’fhàs an USSR mar aonadh de naPoblachdan Sobhiat a bha a nochdadh anns na sgìrean deImpireachd an Ruis an dèidh donar a-mach Ruiseanach ann an1917 cuir às don Impireachd agus anCogadh sìobhalta a lean agus a sheas eadar1918 agus1921. Thairis air na bliadhnachan dh’atharraich na crìochan aig diofar amannan ach an dèidh do chrìoch andara cogadh t-saoghal bha iad glè fhaisg air na crìochan a bh’aigImpireachd an Ruis ach as aonaisA' Phòlainn, a chuid mhòr deSuòmaidh agusAlasca.
Chaidh an t-Aonadh Sobhiat a chleachdadh mar prìomh-samhail airson stàitean comunnach eile tron an cogadh fhuar leis an riaghaltas agus òrdugh poilitigeach fo smachdPàrtaidh Comunnach an t-Aonadh Sobhiat a-mhàin.
An toiseach chaidh a chruthachadh mar aonadh de cheithir Poblachdan Sòisealach Sobhiat, dh’fhàs an USSR gu robh coir is 15 poblachdan aonaichte na broinn;Poblachd Sòisealach Sobhiat Armenia,PSS Belaruis,PSS Estonia,PSS Georgia,PSS Kazakh,PSS Kyrgyz,PSS Latbhia,PSS Lituania,PSS Moldobha,PSS nan Ruis,PSS Tajik,PSS Turkmen,PSS Ucràin agusPSS Ùsbeg. Bha na poblachdan nam pàirt de aonadh feadarail a bha gu ìre mòr fo smachd am Poblachd Sòisealach Sobhiat Ruiseanach.
Bhuineadh An USSR dhanCho-aonta Warszawa eadar1955 agus1990.