'S e "tùs-grèine" brìgh nan litrichean ann an ainm na dùthcha, 's mar sin dheth, dh'aithnichear an t-Seapan mar "Tìr Èirigh na Grèine". Tha 日 a' ciallachadh Grian, agus 's e Tùs no Freumh a' bhrìgh a th' air 本。
Bhon a tha an Iapan fada gu leòr bho thìr-mòrÀisia, gun a bhith ro fhada air falbh, fhuair i buannachdan àscultar antìr-mòr, ach cha deach amaladh ann am buaireasan a' mhòr-thìr cho tric rè nan linntean. Bha e an comas dhith buaidhean chultarach à tìrean cèin a dhèanamh freagarrach dhan chultar aice fhèin 's an uairsin gan aonadh ri a leasachaidh. Gheibhear eisimpleirean dhen seo a thaobhbiadh na dùthcha, leithidTempura, le buinteanas risa' Phortagail. A thaobhlitreachais, chaidh anlàmh-sgrìobhaidh Iapanach,Kana, a chruthachadh às nalitrichean iol-fhillteSìonach. A thaobhchreideimh, 's ann a bhaBuddhachd air atharrachadh nuair a chaidh a thoirt a-steach san t-siathamh linn. Cha do sgaoil e measg an t-sluaigh gus an do nochdHōnen agusShinran, an fheadhainn a stèidhich andreamJōdo 's an dreamJōdo Shin.[4]
Eu-coltach ri mòrandùthchannan eile, thathas ag ràdh gur edùthaich gu ìre mhòraon-ghnèitheach a th' san Iapan. Leis a' sin, thathar a' cumail a-mach nach eil mòran caochladh ann an cultar na dùthcha bhosgìre gu sgìre. Chan e a-mhàin gur e àireamh mhòr de dhaoine, a' fuireach gu dlùth air farsaingeachd bheag dethalamh is adhbhar dha sin, ach gu robh an sluagh riamh beò fad linntean foriaghladh meadhanaichte, a bhiodh a' stiùireadh a h-uile roinn de bheatha an t-sluaigh gu mionaideach mìn.[4]
A dh'aindeoin sin, cha ghabh fhàgail air nach e cultar mòr saoibhir a th' ann an cultar na h-Iapain. Tha e ioma-fhillteach, air a dhèanamh air sean is ùr, le deagh mheasgachadh de nithean cèin is dùthchasach an cois. 'S e coimeasgachadh eileamaideanIapanach agusSiarach a th' anns na trìrudan riatanach -biadh,aodach agusfasgadh. Tha na h-Iapanaich a' cleachdadh deas-ghnàthan àBuddhachd 'sShintō còmhla, agus tha tuilleadh air dàrna leth na h-Iapanais air a dhèanamh àfaclan freumhaichSìonach. Thathar am beachd gur e an ùidh a th' aig an sluagh Iapanach ann an cultaran eile agus an seòl a bh' aca rè naneachdraidh eileamaidean cultarach cèin a thoirt a-steach, gun an cùl a chur air cleachdaidhean is traidiseanandùthchasach as adhbhar don ghnè ioma-fhillteach seo.
Tha an àireamh-shluaigh aig mu 127,700,000 daoine, agus tha mu 98.2% a' bruidhinn Iapanais mar chainnt mhàthaireil. Tha an còrr a' buntainn do dh'iomadh dhùthaich, an cuid as motha doChoirèa (700,000) agus doShìona (350,000). Gheibhear cuideachd sluaghan àBhiet-Nam, àBraisil ,na Stàitean Aonaichte (85,000),an Roinn-Eòrpa (45,000) agus ammion-shluagh dùthchasail a bhuineas doHokkaidō, agusHonshū a Tuath, na h-Ainu (mu 30,000).
Tha mu 70% dhen t-sluaigh a' fuireach anns a' cheàrn eadarTōkyo agus Kitakyūshū, ann an eilean Honshū. 'S eA' Bheilg agusNa Tìrean Ìsle far a gheibhear an dlùths àireamh-shluaigh as àirde gu lèir, ach 's e an Iapan far am faighear an dlùths as àirde a-rèir farsaingeachd talmhainn air an gabh còmhnaidh.[4]