Movatterモバイル変換


[0]ホーム

URL:


Jump to content
UicipeidAn Leabhar Mòr-eòlais Saor
Lorg

Abel Tasman

O Uicipeid
Abel Tasman
Beatha
BreithLutjegast, 1603
DùthaichPoblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte
Ciad chànanDuitsis
BàsJakarta, 10 dhen Dàmhair 1659
Teaghlach
Cèileunknown value
unknown value
Foghlam
CànainBeurla
Duitsis
Dreuchd
Dreuchdtaisgealaiche,maraiche agusùghdar
Àitichean-obrachAmsterdam

B’ eAbel Janszoon Tasman (IPA:ˈaːbəl ˈjɑnsoːn ˈtɑsmɑn,Lutjegast,1603[1]Batavia,10 an Dàmhair1659) taisgealaiche àsNa Tìrean Ìsle, a bha ag obair airson Companaidh Aonaichte nan Sear-Innseachan[2] (Duitsis: Vereenigde Oost-Indische Compagnie, neo dìreach an VOC) san17mh Linn. Tha e ainmeil gus ar làithean airson na bhòidsean a rinn e eadar1642 agus1644, le cuideachadh bho Antonie van Diemen. Lorg eTasmania,Sealainn Nuadh agusTonga ri linn na bhòidsean sin.[3] Cha do chuir na Tùsanaich fàilte chridheil idir air ach ann an Tonga. Chuireadh òrdan do Thasman talamh mhòr, air an tugadh An Òlainn Nuadh (Duitsis: Nieuw-Holland) ach an canarAstràilia anlatha an-diugh, rannsachadh.[4] Bha na h-Òlainndich gu math eòlaichte air oirthir an iar nadùthcha mar-thà, ach bha iad ag iarraidh a bhith a’ faighinn a-mach nan robh Terra Australis naMhòr-roinn, agus bha feadhainn dhen bheachd gun cumadh an talamh sin an saoghal uile gu lèir ann an co-chothrom. Fiù 's bha iad airson slighe mhara gu ruigeAn t-Sile a lorg. A bharrachd air sin, bha an VOC an dùil gum fosgladh na bhòidsean am Mòr-roinn ùr sin dhan mhalairt agus gum b’ urrainn dhaibh an talamh a chleachdadh airson prothaid. Thug Tasman ainm do Thasmania. Phòs e dà thuras: ri Claesgie Meyndrix anns a' chiad dol a-mach agus bha nighean aice. Gu dòrainneach, chaochail a bhean agus, ann an1632 phòs e ri Joanna Tiercx.[5]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich |deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich |deasaich an tùs]
  1. Lutjegast Online
  2. VOC Kenniscentrum
  3. New Zealand History Online
  4. Te Ara
  5. Australian Dictionary of Biography
Air a tharraing à "https://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=Abel_Tasman&oldid=569130"
Roinnean-seòrsa:

[8]ページ先頭

©2009-2025 Movatter.jp